Jakob Wassermann

O Uicipeid
Jump to navigation Jump to search
Jakob Wassermann
Jakob Wassermann 1934.jpg
Beatha
Breith Fürth, 10 dhen Mhàrt 1873
Dùthaich  A' Ghearmailt
Bàs Altaussee, 1 dhen Fhaoilleach 1933
Nàdar a’ bhàis adhbharan nàdarra (greim-cridhe)
Foghlam
Foghlam Q1585070
Cànain Gearmailtis
Dreuchd
Dreuchd sgrìobhadair, nobhailiche agus sgrìn-sgrìobhaiche
Gnè ealain sgeul goirid
nobhail
IMDb nm0913708

B' e sgrìobhadair às A' Ghearmailt a bh' ann an Jakob Wassermann (Eabhra: יעקב וסרמן). Rugadh e ann am Fürth ann an 1873 agus chaochail e ann an Altaussee ann an 1934.[1]

Mac fhir-mhalairt bhochd, dh'obraich Wassermann ann am bùth leabhraichean agus bha e na dheasaiche aig an Simplicissimus;[2] B' e sgrìobhadair làn ùine a bh' ann bho 1893 a-mach agus esan a' fuireach anns An Ostair, an toiseach ann am Vienna agus an uair sin ann Altaussee, ged an do suidhich e a h-uile càil a sgrìobh e thall san Ghearmailt. Bha corra nobhail a sgrìobh e uabhasach fhèin soirbheachail mar Die Juden von Zirndorf (1897), Caspar Hauser oder Die Trägheit des Herzens (1908) - mu na làithean mu dheireadh aig Caspar Hauser, a bharrachd air Christian Wahnschaffe (1919).[3] Bha e na b' ainmeile anns na 20an agus na 30an nuair a sgrìobh e Der Fall Maurizius (1928), sgeulachd mu cheartas fillte gu sgiobalta tro nobhail poileis agus a' làimhseachadh ri beatha òige an dèidh a' chogaidh a-staigh sreath trì nobhailean, còmhla ri Etzel Andergast (1931) agus Joseph Kerkhovens dritte Existenz (1934).

B' e aislingeach air a bheò-ghlacadh le ceartas a bh' ann am Wassermann, cuspair a tha a' nochdadh tric anns a chuid obrach; bha e dhen bheachd gur robh còirichean aig a h-uile daoine ceartas fhaighinn o chionn 's gur e daoine a bh' annainn, ged a bha gealtachd ga dhiùltadh, na bu mhiosa na ùidhean suarach agus poileataigs; thathar daonnan a' deànamh coimeas eadar Wassermann agus Fiódor Dostoyevski air an dàrna làimh leis cho moralta 's a bha e agus air an làimh eile air sàilleabh gu robh e gu math os-bhoileach. Ann am Mein Weg als Deutscher und Jude rinn e dealbh gu math soilleir air an imcheist anns an robh na Iùdhaich nuair a ràinig na Nàsaich, ged nach robh e beò nuair a rinn iad sgrios is milleadh air an dùthaich. A bharrachd air sin, sgrìobh e Das Gänsemännchen, Die Geschichte der jungen Renate Fuchs agus Ulrike Woytich. Shuidhich e mòran dhen obair eachdraidheil aige anns An Spàinn.

Phòs e aig Julie Speyer ann an 1901, ach dhealaich iad ann an 1915. Phòs e a-rithist an ceann trì bliadhnaichean, an turas seo aig Marta Karlweis. Ann an 1926, chaidh a thaghadh gu Acadamaidh Ealain na Pruise (Gearmailtisː Preußische Akademie der Künste) ach leig e dheth sin ann an 1933, los nach cuireadh na Nàsaich a-mach e. Chaidh na leabhraichean aige a thoirmeasg sa Ghearmailt san aon bhliadhna air sàilleabh gur e Iùdhach a bh' ann: fiù 's chuireadh san teine iad, ann an corra àite far an robh na Nàsaich gu math làidir. Sgrìobh e aiste an aghaidh nan Nàsach mus an do bhàsaich e cuideachd.[4] Bha Wassermann a' gabhail ri sìth agus càirdeas eadar creideamhan eadar-dhealaichte fad a bheatha.[5]

Obair[deasaich | deasaich an tùs]

  • Melusine (Nobhail, 1896)[6]
  • Die Juden von Zirndorf (Nobhail, 1897)
  • Schläfst du, Mutter? (Nobhail Goirid, 1897)
  • Die Geschichte der jungen Renate Fuchs (Nobhail, 1900)
  • Der Moloch (Nobhail, 1902)
  • Der niegeküsste Mund (Sgeulachd, 1903)
  • Die Kunst der Erzählung (Aiste, 1904)
  • Alexander von Babylon (Nobhail, 1905)
  • Donna Johanna von Castilien (Sgeòil, 1906)
  • Die Schwestern (Nobhailean Goirid - Donna Johanna von Castilien, Sara Malcolm, Clarissa Mirabel - 1906)
  • Caspar Hauser oder Die Trägheit des Herzens (Nobhail, 1908)
  • Die Gefangenen auf der Plassenburg (Sgeòil, 1909)
  • Die Masken des Erwin Reiners (1910)
  • Der goldene Spiegel (Nobhail Goirid, 1911)
  • Geronimo de Aguilar (Sgeulachd, 1911)
  • Faustina (Sgeòil, 1912)
  • Der Mann von vierzig Jahren (Nobhail, 1913)
  • Das Gänsemännchen (Nobhail, 1915)
  • Christian Wahnschaffe (Nobhail, 1919)
  • Die Prinzessin Girnara, Weltspiel und Legende (Dealbh-cluiche, 1919)
  • Mein Weg als Deutscher und Jude (Fèin-eachdraidh, 1921)
  • Imaginäre Brücken (Sgrùdadh agus Aistean, 1921)
  • Sturreganz (Sgeòil, 1922)
  • Ulrike Woytich (Nobhail, 1923)
  • Faber, oder die verlorenen Jahre (Nobhail, 1924)
  • Laudin und die Seinen (Nobhail, 1925)
  • Das Amulett (Nobhail Goirid, 1926)
  • Der Aufruhr um den Junker Ernst (Nobhail Goirid, 1926)
  • Das Gold von Caxamalca (Sgeulachdan, 1928)
  • Christoph Columbus (Sgeul-beatha, 1929)
  • Selbstbetrachtungen) (Meòrachadh, 1931)
  • Der Fall Maurizius (1928)
  • Etzel Andergast (1931)
  • Joseph Kerkhovens dritte Existenz (1934)

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Hermann Greissinger: "In die vierte Existenz vielleicht". Konzeptionen von "Leben" und "Nicht-Leben" im Werk von Jakob Wassermann und in den Erzähltexten der frühen Moderne. Eine semiotisch-strukturale Werk- und Epochenanalyse. Lang, Bern 1986. (= Europäische Hochschulschriften; Reihe 1, Deutsche Sprache und Literatur; 933) ISBN 3-261-03597-8
  2. The Guardian
  3. Daniela Eisenstein, Dirk Niefanger, Gunnar Och (Hrsg.): Jakob Wassermann. Deutscher, Jude, Literat. Wallstein, Göttingen 2007, ISBN 3-8353-0158-6
  4. Selbstschau am Ende des sechsten Jahrzehnts, Neue Rundschau 44. Jahrgang Heft 3, 1933, 377-395
  5. Stéphane Michaud, Les avertissements d’un artiste et d’un spirituel. Wassermann et la montée des périls en Allemagne (1897-1934), Raisons politiques 2002/4 (8), 97-115.
  6. Deutsche Digitale Bibliothek

Ceanglaichean a-mach[deasaich | deasaich an tùs]