István Sándorfi
István Sándorfi | |
---|---|
Beatha | |
Breith | Budapest, 12 dhen Ògmhios 1948 |
Dùthaich | An Fhraing |
Bàs | Paris, 26 dhen Dùbhlachd 2007 |
Àite-adhlacaidh | Budapest |
Foghlam | |
Cànain | Fraingis |
Dreuchd | |
Dreuchd | peantair |
Gluasad | hyperrealism (en) |
fosaw.com… |
B' e peantair is neach-ealain Ungaireach a bh' ann an István Sándorfi (Fraingis: Étienne Sandorfi). Rugadh e air 12 an t-Ògmhios 1948 ann am Budapest, An Ungair agus chaochail e air 26 an Dùbhlachd 2007 ann am Paris, an Fhraing.
Beatha Òg
[deasaich | deasaich an tùs]Rinn athair István obair airson buidheann Aimeireaganach agus mar thoradh air sin ann an 1950 chaidh e dhan phrìosan airson còig bliadhna. Bha e air a leigeil a-mach beagan làithean roimh an ar-a-mach den bhliadhna 1956. Dh'fhàg teaghlach Sándorfi an Ungair ann an 1956 airson an Ostair agus an uairsin dhan Ghearmailt agus mu dheireadh ann an 1958 dhan Fhraing. Thòisich Sándorfi dealbhachadh nuair a bha e ochd bliadhna a dh’aois agus nuair a bha e dà bhliadhna dheug thòisich e dealbhadaireachd le òla. Fhuair e teisteanas aig École nationale supérieure des Beaux-Arts ann am Paris agus rinn e barrachd studaidh aig École nationale supérieure des arts décoratifs.
Bha dithis nighean aige: Ange (rugadh 1974) agus Eve (rugadh 1979).
Chaochail e an dèidh tinneas air an 26 den Dùbhlachd 2007, agus bha e air a thiodhlacadh a rèir an toil aige ann am Budapest.
Ealain agus obair
[deasaich | deasaich an tùs]Thòisich e a chleachdadh fhèin mar mhodal anns na 1970 air sgàth ’s nach do chòrd e ris nuair a bha coigreach a’ coimhead air fhad ’s a bha e ag obair. Bha a’ chiad taisbeanadh aige ann an ealanlann bheag ann am Paris, agus bha a’ chiad taisbeanadh mòr aige aig am Musée d'Art Moderne de la Ville de Paris ann an 1973. Às dèidh sin bha na dealbhan aige air an lorg ann am measgachadh de taighean tasgaidh thall thairis mar Copenhagen, An Ròimh, München, A' Bhruiseal, Basel, Eabhraig Nuadh, Los Angeles agus San Francisco.
Chleachd e nithean annasach anns na dealbhan aige agus suidheachaidhean neo-àbhaisteach. Bha na dealbhan a chleachd e anns na 1970-1980an gorm, purpaidh agus dàthan fuara eile. Rinn e ìomhaighean boireann anns na 1980an agus dealbhadh stòlda. Rinn e tòrr dealbhan de bhoireannaich bho 1988 air adhart.
Bha a’ chiad taisbeanadh Ungaireach aige ann am Budapest sa bhliadhna 2006, agus bha taisbeanadh eile aige ann an Debrecen sa bhliadhna 2007. B' e sin a’ chiad turas a thill e dhan Ungair bhon a bha e na bhalach.
Taisbeanaidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- 1966 - Galerie des Jeunes, Paris • Galerie de la Barbière, Le Barroux
- 1970 - Galerie 3+2, Paris
- 1973 - Musée d'Art Moderne de la Ville de Paris
- 1974 - Galerie Daniel Gervis, Paris
- 1975 - Galerie Beaubourg, Paris
- 1976 - Bucholz Galerie, München
- 1977, 1980 - Galerie Isy Brachot, A' Bhruiseal
- 1978, 1981, 1983 - Galerie Isy Brachot, Paris
- 1979 - FIAC, Galerie Isy Brachot, Paris
- 1981 - Galerie Isy Brachot, Basel
- 1982 - Amaury Taitinger Gallery, Eabhraig Nuadh
- 1984 - FIAC, Galerie Isy Brachot, Paris
- 1986 - Galerie Lavignes-Bastille, Paris - Galerie de Bellecour, Lyon
- 1987 - Lavignes-Bastille Gallery, Los Angeles - Hôtel de Ville, Nancy
- 1988 - Armory Show '88, Lavignes-Bastille Gallery, New York - Abbaye des Cordeliers, Châteauroux (retrospektív) - Louis K. Meisel Gallery, Eabhraig Nuadh - FIAC, Galerie Lavignes-Bastille, Paris
- 1991 - Galerie Prazan-Fitussi, Paris
- 1993 - Galerie Guénéguaud, Paris - Galerie Mann, Paris
- 1994, 1997 - Jane Kahan Gallery, Eabhraig Nuadh
- 1999 - Galerie Tempera, A' Bhruiseal
- 1999-2000 - Gallerihuset, Copenhagen
- 2006 - Erdész-Maklári Galéria, Budapest
- 2007 - A test színeváltozása. Életműkiállítás, MODEM, Debrecen
Ceanglaichean a-mach
[deasaich | deasaich an tùs]- Artportál: Sándorfi István
- Fans of Sándorfi's Art
- Some of his painting
- His paintings
- Sándorfi István died
- In Memoriam István Sándorfi