Isaac Watts
| Isaac Watts | |
|---|---|
|
| |
| Beatha | |
| Breith |
Southampton (mul) |
| Dùthaich | Rìoghachd na Breatainne Mòire |
| Bàs | Lunnainn, 25 dhen t-Samhain 1748 |
| Àite-adhlacaidh |
Bunhill Fields Burial Ground (en) |
| Foghlam | |
| Foghlam |
King Edward VI School (en) |
| Cànain | Beurla |
| Dreuchd | |
| Dreuchd | diadhair, feallsanaiche, bàrd, sgrìobhadair laoidhean agus sgrìobhadair |
| Obraichean comharraichte |
Our God, Our Help in Ages Past (en) Come, We Who Love the Lord (en) From All That Dwell Below the Skies (en) Joy to the World (en) |
| Creideamh | |
| Creideamh | Pròstanachas |
Bha Isaac Watts (17 an t-Iuchar 1674–25 an t-Samhain 1748) air fear de na bàird spioradail as ainmeile ann am Breatainn.
Rugadh is thogadh e ann an Southampton. Nuair a bha e 16 bliadhna a dh'aois chaidh e gu Stoke Newington far an robh e na oileanach na ministreachd. Aig an àm sin bha athair dha, air an robh cuideachd Isaac, anns a' phrìosan airson a chreideamh. Dh'fhoillsich e Hymns and Spiritual Songs ann an 1707 agus The Psalms of David Imitated in the Language of the New Testament ann an 1719.[1] Fad iomadh bliadhna ’na bheatha cha robh a shlàinte ach mì-chinnteach, ach chleachd e na tàlantan a fhuair e ann a bhith a’ sgrìobhadh laoidhean. Ann an 1728 fhuair e Dotaireachd ann an Diadhachd honoris causae o Oilthigh Dhùn Éideann. Chuir e barrachd is seachd ceud laoidh ri chéile, agus cluinnear móran dhiubh chun an latha an-diugh.
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ Ruthven, J C (17mh dhen Iuchar 2018): “Isaac Watts (1674-1748) Son of Southampton, Father of English Hymnology”. University of Southampton’s Special Collections. Air a thogail 14mh dhen Chèitean 2024.
Ceanglaichean a-mach
[deasaich | deasaich an tùs]- Cobhair gach Linn - laoidh le Isaac Watts air a eadar-theangachadh gu Gàidhlig