Inbhir Aoidhe
Inbhir Aoidhe | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | Alba |
Co-chomharran | 57° 2′ 16″ Tuath 5° 41′ 0″ Iar |
Comharradh-clèithe | NG766000 |
Feartan fiosaigeach | |
Àireamh-shluaigh | 70 () |
'S e baile ann an Cnòideart air a' Ghàidhealtachd a tha ann an Inbhir Aoidhe (Beurla: Inverie). Tha am baile suidhichte san àird a tuath air Loch Nibheis aig cois Sgùrr Coire Choinnichean (769 m, 2,522 troigh).
'S e sin an t-aona baile nach eil ceangailte le rathad do bhailtean eile den dùthaich. Tha aiseagan a' ruith eadar Inbhir Aoidhe is Malaig. 'S e 'The Old Forge' an taigh-òsta as iomallaiche air tìr-mòr Bhreatainn agus tha e suidhichte ann an Inbhir Aoidhe.[1] Dh'fhosgail e a-rithist an dèidh do choimhearsnachd ga cheannachadh agus ath-leasachadh anns an Lùnastal 2023.[2]
Cruth an ainm
[deasaich | deasaich an tùs]Nochd ainm a' bhaile aig Dwelly 1912 mar Inbhir Eigh no Inbhir Aoighe.[3] A-rèir Iain Mhic an Tàilleir 's e ainm measgaichte (Gàidhlig/Seann-Lochlannais) a th' ann an Inbhir Aoidh[4] agus ' s e Inbhir Aoidhe cruth ainm a' bhaile a-rèir Ainmean-Àite na h-Alba.[5]
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ BBC News Highlands & Islands
- ↑ “An taigh-seinnse as iomallaiche air Tìr Mòr a' fosgladh às ùr”, Naidheachdan a' BhBC. 9mh dhen Lùnasdal 2023. Air a thogail 28mh dhen Lùnasdal 2023.
- ↑ Faclair Dwellys
- ↑ Iain Mac an Tàilleir, "Ainmean-àite", Pàrlamaid na h-Alba, duilleag 66
- ↑ Ainmean-àite na h-Alba - Inbhir Aoidhe