Inneal-fogharaidh

O Uicipeid
Inneal-fogharaidh
Bhidio drone de inneal-fogharaidh 2022

Is e a tha ann an inneal-fogharaidh beairt àiteachas siubhlach a bhuaineas 's a bhuaileas agus a ghlanas an sile às gach seòrsa arbhair, sìol-òla neo gràine cochallach. Tha iad 'gan draibheadh fhèin mar is trice ach chaidh an tarraing air cùlaibh thractaran o shean cuideachd.

Chan e buain (gearradh) a-mhàin a nì an t-inneal-fogharaidh ach trì gnìomhan fa-leth:

  1. Buain - gearradh an arbhair mar a tha e na seasamh 'san achadh
  2. Bualadh - Gus an tig a' ghràin a-mach às na diasan.
  3. Glanadh - A' roinneadh na gràine (a tha luachmhor) bhon fhodair agus bhon mholl.

Tha an diagram a leanas a comharrachadh ainmean buill na beairt:

Inneal-fogharaidh fèin-ghluasadach: Leth-shealladh thar an druim-loidhne
1) Ruidhle
2) Gad chorragach
3) Bidhis trusaidh
4) Bann togail
5) Glac na cloiche
6) Druma Bualaidh
7) Ciste bualaidh
8) Carraigeach fhodair
9) Bòrd gràine
10) Gaotharan
11) Criathar uachdar
12) Criathar ìochdar
13) Bann muill
14) Ath-bhualadh na muill
15) Bidhis gràine
16) Drabhailt gràine
17) Gearradair Muill
18) Bothag an atiùireadair
19) Caradair
20) Bidhis Libhrigidh
21) Iomaineach