Iain MacPhaidein, Muile

O Uicipeid
Jump to navigation Jump to search
Iain MacPhaidein, Muile
Beatha
Breith Muile, 1850
Dùthaich  Alba
Bàs 1935
Àite-adhlacaidh Cladh Choille Chart
Dreuchd
Dreuchd obraiche an rathaid-iarainn, bàrd agus sgrìobhadair

Bʼ sgrìobhadair agus Bàrd na Gàidhlig a bha ann an Iain MacPhàidein (sa Bheurla: John MacFadyen, 1850-1935). Rugadh e ann an 1850 ann am Baile a' Mhuilinn ann am Muile, ach rinn e imrich a Ghlaschu, far an d' fhuair e obair don Glasgow and South-western Railway. Sgrìobh e sgeulachdan goirid, dàin agus òrain. Choisinn e mòran dhuaisean aig aʼ Mhòd airson roisg is bàrdachd, agus anns aʼ bhliadhna 1924 chrùnadh e mar Crùn na Bàrdachd. Chaidh na sgrìobhaidhean aige fhoillseachadh ann an 1890 anns an leabhar An t-Eileanach, agus ann an Sgeulaiche nan Caol ann an 1902.

An t-Eileanach[deasaich | deasaich an tùs]

Dh'fhoillsich Iain MacPhaidein leabhar bàrdachd ann an 1890. 'S e An t-Eileanach: Original Gaelic songs, poems and readings an t-ainm slàn a bha air. [1]

Òrain Ainmeil[deasaich | deasaich an tùs]

  • Chì mi Muile nam Beann Fuar
  • Luinneag an Iasgair
  • Òran a' Mhonkey
  • Soraidh Leibh is Oidhche Mhath Leibh[2]

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. An t-Eileanach”. Air a thogail 16mh dhen t-Sultain 2017.
  2. Iain MacPhaidein, Muile”. BBC. Air a thogail 16mh dhen t-Sultain 2017.

Ceanglaichean a-mach[deasaich | deasaich an tùs]