Iain MacPhaidein, Muile

O Uicipeid
(Air ath-sheòladh o Iain MacPhàidein, Muile)
Iain MacPhaidein, Muile
Beatha
Breith Muile, 1850
Dùthaich  Alba
Bàs 1935
Àite-adhlacaidh Cladh Choille Chart
Foghlam
Cànain Beurla
Dreuchd
Dreuchd obraiche an rathaid-iarainn, bàrd agus sgrìobhadair

Bʼ sgrìobhadair agus Bàrd na Gàidhlig a bha ann an Iain MacPhàidein (sa Bheurla: John MacFadyen, 1850-1935). Rugadh e ann an 1850 ann am Baile a' Mhuilinn ann am Muile, Aig aois ochd deug, rinn MacPhaidein imrich a dh’ Àird Driseig ann a Earra Gaidheal mus an do ràinig e, mu deiribh thall a rinn e imrich a Ghlaschu - am baile, a rèir Michel Byrne, a chleachdaidh e mar àrd-ùrlar nàdarra airson nan suidheachaidhean is nan daoine a tha e a’ dealbhadh – ’s e an àrainneachd mun cluinn sinn Sràid an Dòchais, ‘an t-sràid aig Deòrsa’, an Gallowgate agus Margaidh an t-Salainn, ‘na Shaws’ agus am Broomielaw, Cowlairs is Cowcaddens, ‘George’s Square’ is Gilmorehill'. Fhad ’s a bha MacPhaidein ag obair aig an Glasgow and South-Western Railway Company, bhiodh e cuideachd a ghabhail pàirt ann an cuirmean ciùil oidhche Shathairne anns na Tallaichean a’ Chrùin agus, gu cinnteach, a’ sgrìobhadh bàrdachd. Tha na sgrìobhaidhean aige ann a clò anns an leabhar An t-Eileanach. Choisinn e mòran dhuaisean aig aʼ Mhòd airson roisg is bàrdachd, agus anns aʼ bhliadhna 1924 chrùnadh e mar Crùn na Bàrdachd. Chaidh na sgrìobhaidhean aige fhoillseachadh ann an 1890 anns an leabhar An t-Eileanach, agus ann an Sgeulaiche nan Caol ann an 1902.

Ged a sgrìobh e bàrdachd ‘àrd’, airson co-fharpaisean a’ Chomuinn Ghàidhealaich agus a' Mhòd, ’s e bàrdachd de sheòrsa eile a' dhèanadh e do luchd-èisteachd ann a Glaschu. Thuirt Dòmhnall Meek dheth,  ‘probably the most outstanding example of a village bard who found his village and his public in Glasgow’ (Thomson 1974, 230). Ann an alt airson Glasgow and Gaelic Writing, sgrìobh Coinneach Dòmhnallach, "MacFadyen is the most obvious example of the local bard transplanted to the city environment and continuing to fulfil his role as humorous observer and recorder of incidents within the urban "village"."

Tha an t-òran A' Mulachag mu dheidhinn mulachag anns a bhùth Thomas Lipton ann an Glaschu, dèanta le bhainne aig ochd ceud bò air an bleoghan fad sia làithean le dà cheud banaireach.

An t-Eileanach[deasaich | deasaich an tùs]

Dh'fhoillsich Iain MacPhaidein leabhar bàrdachd ann an 1890. 'S e An t-Eileanach: Original Gaelic songs, poems and readings an t-ainm slàn a bha air. [1]

Òrain ainmeil[deasaich | deasaich an tùs]

  • Chì mi Muile nam Beann Fuar
  • Luinneag an Iasgair
  • Òran a' Mhonkey
  • Soraidh Leibh is Oidhche Mhath Leibh[2]

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. An t-Eileanach”. Air a thogail 16mh dhen t-Sultain 2017.
  2. Iain MacPhaidein, Muile”. BBC. Air a thogail 16mh dhen t-Sultain 2017.

Ceanglaichean a-mach[deasaich | deasaich an tùs]