Iain MacGriogair Caimbeul
Iain MacGriogair Caimbeul | |
---|---|
Beatha | |
Breith | Earra-Ghàidheal, 1836 |
Dùthaich | Alba |
Bàs | 22 dhen t-Samhain 1891 |
Foghlam | |
Foghlam | Oilthigh Ghlaschu |
Dreuchd | |
Dreuchd | eadar-theangair, sgrìobhadair litreachas cloinne agus collector of fairy tales (en) |
Creideamh | |
Creideamh | Seanaireachd |
B' e beul-aithrisiche agus ministear à Apainn a dh'fhuirich ann an Tiriodh a bha ann an Iain MacGriogair Caimbeul no Iain Gregarach Caimbeul o Apuinn Mic Iain Stiubhart (Beurla: John Gregorson Campbell). Bha e na oileanach aig Oilthigh Ghlaschu far an robh e na rùn-chleireach na Comann Oiseanach.[1]
Tha e nas ainmeile airson dà leabhair, Superstitions of the Highlands and Islands of Scotland (1900) agus Witchcraft and Second Sight in the Highlands and Islands (1902) a stèidhich e air beul-aithris a thrus e anns na 1850an agus 1860an agus a chaidh fhoillseachadh an dèidh bàis. Rinn Ruaraidh MacThòmais deasachadh ùr a chaidh fhoillseachadh ann an 2008.[2]
Bha e tinn airson a dheich bliadhna mu dheireadh agus dh'fhuirich e còmhla ri a phiuthar ann an Haoidhinis. Chaochail e ann an 1891.[3]
Ceanglaichean a-mach
[deasaich | deasaich an tùs]- “Campbell, Rev. John Gregorson, Tiree (1836 - 1891) - Associated People”. An Iodhlann. Air a thogail 17mh dhen Ghearran 2024.
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ “19th & 20th Century: The Ossianic Society”. Sgeul na Gàidhlig - The Gaelic Story at the University of Glasgow. Oilthigh Ghlaschu. Air a thogail 17mh dhen Ghearran 2024.
- ↑ “The Gaelic Otherworld”. Comhairle nan Leabhraichean. Air a thogail 17mh dhen Ghearran 2024.
- ↑ “2000.159.6”. An Iodhlann. Air a thogail 17mh dhen Ghearran 2024.