Jump to content

Honda (Baile)

O Uicipeid
Honda
Bratach a' bhaile Gearradh-arm
no Seula
Mapa a' bhaile
Sealladh air a' bhaile
Suidheachadh
Dùthaich Coloimbia
Roinn Tolima
Àirde 225m
Co-chomharran 05º 12' 00' Tuath
74 º 45' 00' Iar
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 30,486 km²
Àireamh-shluaigh 27,310 (2005)
Dlùths 0.9/km²
Duilleag oifigeil Comhairle a’ Bhaile

' S e baile beag faisg air Mariquita ann an Tolima, Coloimbia,[1] a th' ann Honda neo San Bartolomé de Honda. Tha e suidhichte ann an meadhan na dùthcha ri taobh na h-aibhne Mhagdalena, 142km air falbh bho Bhogotá agus 240km bho Mhedellín. Tha àirde meadhanach dhe 225m os cionn ìre na mara aige. 'S e baile le gnàth-shìde theth a th' ann le teodhachd meadhanach dhe 27˚, rè na bliadhna. Chaidh am baile a stèidheachadh ann an 1560.

Sluagh a' bhaile

[deasaich | deasaich an tùs]

Ged a tha 27,310 nan tàmh anns a' bhaile, chan eil ach 893 dhuibh a' fuireach anns na sgìrean dùthchasail am broinn crìochan a' bhaile.[2] Tha fearann na dùthcha sin ga roinn eadar na bailtean (Spàinntis: municipios) agus le sin tha gach clachan agus croit fo stiùireadh baile air choireigin.[3] Air adhbharan trioblaidean poiliteagach air an dùthaich, tha a' mhòr-chuid dhe na daoine anns gach uile baile a-nis a' fuireach anns na bailtean fhèin, is na daoine a' fàgail na sgìrean dùthchasail.

Taobh chinnidh, ' s e Daoine geala agus mestizos a th' ann a' mhòr-chuid dhe na daoine ann an Honda. 'S e Tùsanaich a th' ann an 1.1%, daoine geala agus mestizos a th' ann an 33.9% agus tha 1.7% dhe daoine le freumhan ann an Afraga. ' S urrainn dhan 89.8% dhe na daoine ann an Honda leughadh agus sgrìobhadh. A tuilleadh air sin, tha fòn aig an taigh aig 46.1% dhe na dachannan.[4]

Thathar a’ cumail am iomadach seòrsa dhe fhèis ann an Honda. Chithear fèilltean caitligeach, leis gur e dùthaich le mòr-chuid Chaitligeach a th' ann fhathast,[5] fèisean na stàite agus tachartasan ionadail a sheallas cho làidir ‘s a tha beairteas cultarail na dùthcha.

Daoine Ainmeil

[deasaich | deasaich an tùs]

Alfonso López Pumarejo (18861959): Ceann-suidhe na dùthcha anns na 1930an agus na 1940an.

Ceanglaichean A-mach

[deasaich | deasaich an tùs]

An t-sìde ann an Honda

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Dùthchannan aig SMO
  2. Figearan Oifis a' Chunntas-sluaigh
  3. Cololmbia Virtual
  4. Bileag fhiosrachaidh DANE
  5. Country Studies: Colombia
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: