Hans Asperger

O Uicipeid
Hans Asperger
Hans Asperger portrait ca 1940.png
Beatha
Ainm slàn Johann Hans Friedrich Karl Asperger
Breith Vienna, 18 dhen Ghearran 1906
Dùthaich  An Ostair
Bàs Vienna, 21 dhen Dàmhair 1980
Àite-adhlacaidh Neustifter Friedhof (en) Translate
Foghlam
Foghlam Oilthigh Vienna
Cànain Gearmailtis
Dreuchd
Dreuchd lighiche-inntinn agus neach-teagaisg oilthigh
Fastaichean Oilthigh Vienna
Duaisean a fhuaras
Ballrachd Acadamh Ghearmailteach nan Saidheansan Leopoldina

B' e lighiche às An Ostair a bh' ann an Hans Asberger (Hausbrunn, 18 an Gearran 1906 - Vienna, 21 an Dàmhair 1980).[1]

Beatha[deasaich | deasaich an tùs]

Rugadh agus thogadh Asperger air an dùthaich air iomall Vienna. Bha e caran diùid agus cha mhòr nach robh ach caraid neo dhà aige. A dh'aindeoin sin, bha e uabhasach fhèin comasach san sgoil, gu seachd-àraidh a thaobh bhàrdachd, saidheans agus cànan. Dh'ionnsaich e Laideann agus Greugais san sgoil. Thug e ceum ann an à Oilthigh Vienna ann an 1931 agus an ceann bliadhna, ann an 1932 chaidh ainmeachadh ceannard roinn foghlaim sònraichte aig roinne cloinne ann an ospadal an oilthighe. Phòs e aig Hanna Kalmon ann an 1935 agus rug i còignear duine-cloinne dha.[2]

Obair[deasaich | deasaich an tùs]

Rinn e torr obair fad bliadhnaichean air òtasam 's a leithid. Ann an 1944 sgrìobh e dealbh-chunntas air òtasam a bha a cheart cho math ri na sgrìobh Grunya Sukhareva thall san Ruis ann an 1925.[3] Chunnaic e gur e daoine gun cho-fhaireachdainnean do chàch a bh' annta agus aig nach robh caraidean idir, a leanadh còmhraidhean aon-taobhach, a dhèanadh fòcas gu math dlùth air dìreach aon chuspair, agus a bha gu math luideil. Nuair a bha Elfriede Jelinek òg, rinn Asperger obair oirre.[4]

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Kuijpers, Ben (2008): Begrip door inzicht: als gedrag op autisme lijkt. Antwerpen/Apeldoorn: Garant. 
  2. Embryo
  3. Discovery Magazine
  4. de la Durantaye, Leland (2005): “On Cynicism. Dogs, Hair, Elfriede Jelinek and the Nobel Prize,” ann an: Harvard Review, leabhar 29, td. 146–153.