Gotlands län

O Uicipeid
Gotlands län
Bratach na Roinne Gearradh-arm
no Seula
Suidheachadh
Dùthaich An t-Suain
Prìomh-bhaile Visby
Stèidhichte 1678
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 3,183.7 km²
Àireamh-shluaigh 57,391 (2015)
Dlùths 18.03/km²
Àireamh fòn + (46) 04
Duilleag oifigeil Riaghaltas na Roinne

'S e Roinn (Suainis: län) na Suaine a th' ann an Gotlands län (IPA: ɡɔtland, Suomais: Gotlannin lääni). Tha i suidhichte san innis-mhuir Slite, anns a' Mhuir Bhaltach, ann am ceann a deas na dùthcha, leth-shligheach eadar an t-Suain fhèin agus Laitbhia. 'S e Visby a tha na phrìomh-bhaile agus tha an sgìre a' gabhail a-steach Gotland fhèin, Fårö, Gotska Sandön, Lilla Karlsö agus Stora Karlsö. Chaidh an roinn a chruthachadh ann an 1678. Sìnidh Gotlands län fad 3,183.7km² agus tha 57,391 duine a' fuireach ann.[1] Le sin, 's e an 20mh roinn as motha na Suaine a thaobh talmhainn agus an 21mh tè as motha a thaobh àireimh-sluaigh. 'S e Suainis agus Gutniska a tha gam bruidhinn an seo. Chan eil ach sgìre-riaghlaidh sa roinn seo, le sin nach eil ach glè bheag de dhaoine a' fuireach ann.

Freumhan an ainm[deasaich | deasaich an tùs]

Ged nach eil freumh-fhaclachd an ainm seo cho soilleir tha e coltach gur ann à Gotar (Gàidhlig: Gotaich) ann an Lochlannais a tha an t-ainm.[2] Bheireadh sin Tìr nan Gotach duinn sa Ghàidhlig an latha an-diugh.

Eachdraidh[deasaich | deasaich an tùs]

B' e Ake Hänsson Ulfsparre a' chiad riaghladair nan roinne.[3]

Daoine ainmeil[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. SCB
  2. Runeberg
  3. Elgenstierna, Gustaf, red (1925-1936). Den introducerade svenska adelns ättartavlor. Stockholm: Norstedt