Fårö
Coltas
'S e eilean faisg air Gotland anns An t-Suain a tha ann am Fårö (Gutnais: Faroy). Ann an 2011 cha robh ach 498 duine a' fuireach ann.[1] Ged nach eil freumh-fhaclachd an àite idir soilleir, tha e coltach gur ann à får (slighe) agus ö (eilean) a tha e. Bheireadh sin Eilean na Slighe dhuinn sa Ghàidhlig an latha an-diugh. Chaochail Ingmar Bergman an seo ann an 2007.[2]