Giorrachadh
Coltas
Tha giorrachadh 'na fhacal no abairt a chaidh a dhèanamh na bu ghiorra a dh'aona-ghnothach. Mar is trice, 's e sreath litrichean a tha ann a bha san fhacal no san abairt thùsail.
Giorrachaidhean Gàidhlig
[deasaich | deasaich an tùs]Chan eil giorrachaidhean cho pailt ann an sgrìobhadh na Gàidhlig an coimeas ri cànain eile. Seo grunn eisimpleirean:
| An giorrachadh | Am facal slàn no an abairt shlàn |
|---|---|
| ⁊ | agus |
| ⁊c | et cetera, agus mar sin air adhart |
| 10mh | deicheamh |
| 1d | ciad |
| 2na | dàrna |
| 2ra | dara |
| 3as | treas |
| 4mh | ceathramh |
| 5mh | còigeamh |
| 6mh | siathamh |
| 7ain | seachdain |
| 7mh | seachdamh |
| 8mh | ochdamh |
| 9mh | naoidheamh |
| aa | air ais |
| AD | AD |
| AE | An t-Aonadh Eòrpach |
| ag. | ainmear gnìomhaireach |
| ainm. | ainmear |
| àir. | àireamh |
| Bhmh | A Bhana-mhaighstir |
| bl | bliadhna |
| Bmh | Bana-mhaighstir |
| BnaG/BnG | Bòrd na Gàidhlig |
| boir. | boireann |
| bua. | buadhair |
| caib. | caibideil |
| CCB | Coinneamh Choitcheann Bhliadhnail |
| cgl. | ceart gu leòr |
| cl. | clach ('s e sin an cuideam) |
| co-ghn. | co-ghnìomhair |
| coi. | coimeasach |
| Damh | An Dàmhair |
| DÈ | Dùn Èideann |
| DEDh | Deas 's an ear-dheas |
| Dia | DiarDaoin |
| DiC | DiCiadain |
| DiD | DiDòmhnaich |
| DIDh | Deas 's an iar-dheas |
| Dih | DihAoine |
| DiL | DiLuain |
| DiM | DiMàirt |
| DiS | DiSathairne |
| Dr | Dotair |
| Dùbh | An Dùbhlachd |
| Earr | Earranta (PLC na Beurla) |
| EEDh | An ear 's an ear-dheas |
| EIDh | An ear 's an iar-dheas |
| Eta | Earranta (PLC na Beurla) |
| f. | feasgar |
| f2 | fealla-dhà |
| FA | Foghlam Adhartach |
| faa | fàilte air ais |
| Faoi | Am Faoilleach |
| FFB | foghlam fad-bheatha |
| fir. | fireann |
| Gearr | An Gearran |
| Gibl | An Giblean |
| gin. | an tuiseal ginideach |
| gml | gabh mo leisgeul |
| gn. | gnìomhair |
| gao | gàire os àrd |
| grma | gun robh math agad |
| gsbe | gnothach sam bith eile |
| IIDh | An iar 's an iar-dheas |
| IITh | An iar 's an iar-thuath |
| iol. | iolra |
| Iuch | An t-Iuchar |
| lbh | leabhar |
| Le d. | Le dùrachd |
| Le dd. | Le deagh dhùrachd |
| ll/mm/bb | latha/mìos/bliadhna |
| LnS | Latha na Sàbaid |
| Lùna | An Lùnastal |
| m. | madainn |
| m.e. / me | Mar eisimpleir |
| Màrt | Am Màrt |
| Mgh | Maighstir |
| Mhgh | A Mhaighstir |
| msl | mar sin leat |
| msaa | mar sin air adhart |
| mt | mòran taing |
| neo-ath. | neo-atharrachail |
| ngd | na gabh dragh |
| Nmh. | Naomh |
| nsg. | naisgear |
| OGE | Oilthigh na Gàidhealtachd is nan Eilean |
| Ògmh | An t-Ògmhios |
| òir | òirlich |
| Oll. | Ollamh |
| omc | o mo chreach |
| RA | An Rìoghachd Aonaichte |
| RC | BC |
| roi. | roimhear |
| SAA | Na Stàitean Aonaichte Ameireaga |
| Samh | An t-Samhain |
| sdbh | 's e do bheatha |
| sdl | san dol seachad |
| sing. | singilte |
| sloinn. | sloinneadh |
| Sult | An t-Sultain |
| tb | taigh-beag |
| tbh | telebhisean |
| Td | Taobh-duilleig |
| TETh | Tuath 's an ear-thuath |
| TITh | Tuath 's an iar-thuath |
| tl | tapadh leat |
| tr | troighean (feet) |
| Urr. | Urramach |
| ÙTA | Ùghdarras Teisteanasan na h-Alba (SQA) |