Gillebríghde Albanach
Coltas
| Gillebríghde Albanach | |
|---|---|
| Beatha | |
| Breith | linn XII |
| Dùthaich |
|
| Bàs | linn XIII |
| Dreuchd | |
| Dreuchd | bàrd agus sgrìobhadair |
| Seirbheis san arm | |
| Strì | An Còigeamh Cogadh-croise |
Bha Gillebríghde Albanach (floruit 1200–1230) ’na bhàrd. Ghabh e pàirt, còmhla ri a charaid Muireadhach Albanach, anns a’ Chòigeamh Cogadh-croise.
Nuair nach robh e ris a’ chogadh-croise, chuir Gillebrìghde seachad cuid mhór d’ a bheatha ag obair ’na bhàrd ann an Éirinn. ’S ann do dh’uachdarain ann an Éirinn a chaidh na dàin-mholaidh uile aige a thìodhlacadh. Tha fhios againn, ge-tà, gur ann à Albainn a bha e, oir nuair a tha e a’ dèanamh iomradh dhi, tha e a’ canail, “dùthchas damh”, agus “dom thìr”.