Georg Friedrich Händel
B' e ceòl-sgrìobhaiche ainmeil Gearmailteach a bha ann an Georg Friedrich Händel (Beurla: George Frideric Handel). Rugadh e air an 13 an Gearran 1685 ann an Halle (Saale).
Nuair a bha e na bhalach òg, bha uidh aige ann an ceòl. Air sgàth 's gun robh e comasach, fhuair e oideachas gu math tràth. An dèidh trì bliadhna anns an Eadailt, far an do sgrìobh e a chiad opara, fhuair e obair bho Georg Ludwig von Hannover ann an Hànobhar ann an 1709.
Ann an 1710 chaidh Händel gu Sasainn. Ann an 1714 sgrìobh e am "Wassermusik" (ceòl–uisge) airson fàilte a chur do Georg Ludwig a bha an uair sin air ainmeachadh mar Seòras I, rìgh Shasainn. Chaidh an ceòl a chluich air bàtaichean air Abhainn Thames. Ann an 1719 chaidh an Royal Academy of Music a stèidheachadh le Händel na neach-stiùiridh ceòlach. Ach an dèidh 10 bliadhna bha iad briste. Thòisich Händel a-rithist, ann an 1737 dh’imrich e dhan Covent Garden Theatre. Ach anns an eadar-àm dh’atharraich blas nan daoine agus cha robh mòran uidh aca ann an drama liriceach na bu mhotha. Mar sin thòisich Händel air oratorio a sgrìobhadh; nam measg am fear as ainmeile a rinn e, Messiah (1742). Sgrìobh Händel 42 opara, 25 oratorio, agus ceòl de gach sheòrsa mar ceòl caidreimh, ceòl-foireann, duanagan agus cuirm-chiùil anns an stoidhle barocach; m. e. 1749 Feuerwerksmusik (Music for the Royal Fireworks) airson Rìgh Seòras II.
Chaochail e air 14 an Giblean 1759 ann an Lunnainn agus chaidh a thìodhlacadh ann am Westminster Abbey.[1]
Dealbhan
[deasaich | deasaich an tùs]-
Uaigh Händel ann an Westminster Abbey
-
Taigh Händel ann an Halle
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ Kemp, Lindsay: “George Frideric Handel - Consairtean, Eachdraidh-bheatha & Naidheachdan”. BBC. Air a thogail 14mh dhen Ghiblean 2018.