Jump to content

Güicán

O Uicipeid
Güicán
municipality of Colombia
Cur air cois1756 Deasaich
Ainm dùthchasachGüicán Deasaich
DùthaichColoimbia Deasaich
Sgìre riaghaltais ionadailGutiérrez Province, Boyacá Deasaich
Roinn-tìdeUTC−05:00 Deasaich
Domhan-leud is -fhad6°27′45″N 72°24′43″W Deasaich
Cànan obrach no ainmChibchan, Cànanan Innd-Eòrpach Deasaich
Làrach-lìnhttp://www.guican-boyaca.gov.co/index.shtml Deasaich
Map

'S e baile ann an Coloimbia a tha ann an Güicán.

Sluagh a' bhaile

[deasaich | deasaich an tùs]

Tha  dìreach 1,667 duine nan tàmh anns a' bhaile fhèin agus a' mhòr-chuid nan daoine, 6,202, a’ fuireach thall anns na sgìrean dùthchasail am broinn crìochan a' bhaile.[1] Tha fearann na dùthcha sin ga roinn eadar na bailtean (Spàinntis: municipios) agus le sin tha gach clachan agus croit fo stiùireadh baile air choireigin.[2] Air adhbharan trioblaidean poilitigeach air an dùthaich, tha a' mhòr-chuid nan daoine anns gach uile baile a-nis a' fuireach anns na bailtean fhèin, is na daoine a' fàgail na sgìrean dùthchasail. Le sin, ‘s e pàtran àireimh-shluaigh gu math neo-àbhaisteach a th' ann an seo. Taobh chinnidh, 's e daoine geala/mestizos a th' ann a' mhòr-chuid nan daoine ann an Güicán, ach tha 1.5% dhe daoine le freumhan ann an Afraga agus 38% Tùsanaich. 'S urrainn do dhìreach 57.3% nan daoine ann an Güicán leughadh agus sgrìobhadh. A thuilleadh air sin, chan eil fòn aig an taigh aig 14.3% nan dachannan.[3]

Thathar a’ cumail iomadh sheòrsa fhèis ann an Güicán. Chithear fèilltean  caitligeach, leis gur e dùthaich le mòr-chuid Chaitligeach a th' ann fhathast,[4]  fèisean na stàite agus tachartasan ionadail a sheallas cho làidir 's tha beairteas cultarail na dùthcha.

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Figearan Oifis a' Chunntas-sluaigh
  2. Colombia Virtual
  3. Bileag fhiosrachaidh DANE
  4. Country Studies: Colombia