Flokkur Fólksins
Flokkur Fólksins | |
Fiosrachadh | |
Stèidheachadh | 27 am Faoilleach 2016 |
Luchd-stèidheachaidh | Inga Sæland |
Àite-Stèidheachaidh | Kópavogur |
Beachd-Smuainealas An-Dràsda | Sòisealachd |
Oifisean | Hamraborg 10, 200 Kópavogur |
Cathraiche | Inga Sæland |
Suidheachain | 4/63 |
Riaghaltas | Luchd-dùbhlain |
'S e partaidh poileatagach à Innis Tìle a bhios a' gabhail ri poilitigs na làimhe chì 's a th' ann am Flokkur Fólksins (Gàidhlig: Pàrtaidh nan Daoine). Cha deach a stèidheachadh ach air 27 am Faoilleach 2016.[1] Bha ceathrar riochdairean aige san Alþingi (pàrlamaid), dithis bhoireannaich agus dithis fhireannaich,[2] ach chuireadh dithis dhuibh a-mach às a' phàrtaidh. B' e gu robh an dithis siud a' gabhail ri gnèitheachas agus chualas na beachdan sin ann am bàr air a bheil Klaustur Bar, far an robh iad ag òl deoch làidir le buill-pàrlamaid à Miðflokkurinn.[3] Tha am bàr sin suidhichte air beulaibh an Alþingi. 'S e Flokkur Fólksins agus Viðreisn a th' ann na fòrsaichean poileataigeach as lùgha san Alþingi. Chan eil Flokkur Fólksins san riaghaltas a-nis. 'S e pàrtaidh a tha gu làidir an aghaidh an Aonaidh Eòrpaich agus bochdainn, ach mar as àbhaist bithear ag iomairt airson nan daoine aosda agus ciorramaich.
Taghaidhean dhan Alþingi
[deasaich | deasaich an tùs]Bha Flokkur Fólksins na bu shoirbheachaile ann an 2017 na ann an 2016, leis nach d' fhuair iad idir seat neo seat sa chiad dol a-mach[4]
Bliadhna | Bhòtaichean | % | Seataichean |
---|---|---|---|
2016 | 6,707 | 3.54 | 0 |
2017 | 13,502 | 6.88 | 4 |