Fionnuala Nic Dhomhnaill

O Uicipeid
Fionnuala Nic Dhomhnaill
Beatha
Breith Alba, 1500 (Gregorian)
Àite-fuirich Cill Mhic Réanáin
Mongavlin Castle (en) Translate
Teaghlach
Athair Seumas MacDhòmhaill, 6mh ceann-cinnidh Dhùn Naomhaig
Màthair Anges Chaimbeulach
Cèile Hugh O'Donnell (en) Translate
Clann
Bràithrean ⁊ peathraichean
Fine Clan Donald (en) Translate
Dreuchd

B’ e Fionnuala Nic Dhòmhnaill (15701608, far-ainm: Iníon Dubh sa Ghaelige neo Inghean Dubh sa Ghàidhlig) bean iar-fhlaithiche Ghàidhealach à Alba agus Bànrighinn Thír Chonail ann an Èirinn. ’S e nighean Sheumais mac Dòmhnaill agus Ùna Chaimbeulach a bh’ innte, agus i an dàrna bhean aig Aodh mac Magnusa Ó Domhnaill, Rìgh Thìr Chonaill agus màthair a’ chinn-fheadhna Aodh Rua Ó Dónaill, a’ chiad Iarla Thír Chonaill.

Beatha[deasaich | deasaich an tùs]

Thogadh an Inghean Dubh aig lùchairt nan Stiùbhartach ann an Alba, agus bha an dlùth dàimh aige riutha uabhasach feumail gu Aodh mac Magnusa Ó Domhnaill gus saighdearan-duais fhastadh ann an Alba nuair a phòs e rithe, mu 1570.[1] Rug i ceathrar mac, an dithis rìgh mu dheireadh air Tír Chonaill nam measg: Aodh agus Rudhraighe. Nuair a dh’fhàs a fear-chèile seantaidh is e na bhodach, ‘s e ise fhèin a bha os cionn na rìoghachd. Theirear san Annála Ríoghachta Éireann gu robh i "mar mhàthair nan Machabim, a dh’aontaich cridhe fhir gu smuaintean bannail.

Iomairt Phoilitigeach[deasaich | deasaich an tùs]

Ghoideadh am mac na b’ aosda aice, Aodh Rua, air falbh ann an 1587 is chuirte e sa phrìosan sa chaisteal ann am Baile Átha Cliath. Nuair a bha esan air falbh,‘s e ise fhèin a dhìonadh gu dìleas tagradh ceannas a mhic. Ann an 1588 thug i àithne gum marbhadh Aodh Gabhalach Ó Néill, mac-bràthar, oir bha esan air oidhirp air a dhèanamh an ceannas a ghabhail os làimhe.[2] Ann an 1591 dh’fheuch Domhnall Dubh Ó Dónaill, mac a fhir-chèile bhon a’ chiad phòsadh aigese, ris a’ cheannas a ghlacadh, ach ghabhadh air agus mharbhadh aig Cath Lug na Cnamh e.[3] Dhèanadh i iomadh iomairt ri Aodh Rua a shaoradh gu laghail neo ga fhaighinn às bho Chaisteal Bhaile Átha Cliath ri linn seo.

Nuair a theich Aodh Rua mu dheireadh thall ann an 1592, thug i airgead do Néill Garbh Ó Domhnaill, an tagraiche mu dheireadh a bha air fhàgail agus thug i air a fear-cèile gun leigeadh e an ceannas ann am fàbhar a mhic aca. Sgrìobh an t-seanchaidh Hiram Morgan gur e "gnothach gu math ro-rèitichte anns an robh buaidh a mhàthar os cionn gach nì eile" a bh’ ann taghadh Aoidh mar ceann-fheadhna nan Dómhnailleach ann an 1592.[4] Chaidh i air chluainidh gu Cill Mhic Réanáin. Ach, ann an 1608, leis gach uile mac aice marbh an dèidh Teicheadh nan Iarla, chuir i a cliamhainn, Niall Garbh, ann an lìon taobh fhealltachd is chuireadh esan am prìosan sa Tùr Lunnainn.[5] Chan eil a ceann-latha bhàis aithnichte idir. A thuilleadh, tha e coltach gun do chuireadh i seachad na làithean mu dheireadh aice ann an Caisteal Mongavlin, daingneach beag ri taobh na h-Aibhne Feabhal, dìreach mu dheas Baile Suingean sa sgìre Lagan air an àirde an ear Dùn na nGall.

Craobh-ghinealaiche nan Dómhnallach[deasaich | deasaich an tùs]

 Aodh mac Maghnusa Ó Domhnaill, m. 1600. 
 = 1, Tè à Èirinn                         = 2, Fionnuala "Iníon Dubh" NicDhomhnaill (pòsadh mu1570)
   |                                              |
 __|______________________________________        |_________________________________________________________________
 |           |          |        |       |        |       |           |           |         |           |          |
 |           |          |        |       |        |       |           |           |         |           |          | 
 Donnchadh Domhnall  Ruaidhri Siobhán nighean     Nuala   Aodh Ruadh  Rudhraighe  Maghnus   Mairghead   Máire    Cathbarr
 (Scaite)  m.1590    m.1575  m. 1591  fl.1579     fl.1592  1571-1602  m.1608                beò 1608  m. 1662 .1608
             |                                                                                 
             |                                                                                            
           Domhnall Óg

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. An Phoblacht
  2. An Phoblacht
  3. An Phoblacht
  4. Morgan, Hiram, Tyrone's Rebellion, Boydell & Brewer, 1999, Rochester, NY, ISBN 0-85115-683-5
  5. An Phoblacht