Henry Whyte (Fionn)
Coltas
(Air ath-sheòladh o Fionn (Henry Whyte))
Henry Whyte (Fionn) | |
---|---|
Beatha | |
Breith | Eilean Èisdeal, 1852 |
Dùthaich | Alba |
Bàs | 1913 |
Dreuchd | |
Dreuchd | sgrìobhadair |
Far-ainmean | Fionn |
B' e sgrìobhadair Gàidhlig agus neach-iomairt a bh' ann an Henry 'Fionn' Whyte', no Eanraig MacGhille-bhàin (1853- 28 An Dùbhlachd 1913).[1] Bha e 'n sàs gu mòr ann an Còmhstrì an Fhearainn. Rugadh e ann an Eilean Èisdeal an Earra-Ghàidheal.[1] Sgrìobh e iomadach colbh-beachd agus artaigil a bha a' rannsachadh chuspairean poilitigeach.[2] Bha na h-artaigilean aige a' nochdadh gu tric ann an Oban Times no ann an iris An Gaidheal.[2] Dh'eadar-theangaich esan, no 's dòcha a bhràthair, Iain,[3] Achd nan Croitearan bho Bheurla gu Gàidhlig.[4] B' e a bhràthair Iain Whyte, no Iain Bàn Òg, sgrìobhadair agus eadar-theangaiche Gàidhlig cuideachd.
Òrain
[deasaich | deasaich an tùs]- 'An Cluinn Thu Mi, Mo Nighean Donn'
- 'An Rìbhinn Àlainn'
- 'An Rìbhinn Donn'
- 'Caisteal a' Ghlinne'
- 'Dh'fhalbh mo Leannan Fhèin'
- 'Dhealaich Mise Nochd Rim Leannan'
- 'Fuadach nan Gàidheal'
- 'Mo Ghille Dubh'
Clàr-leabhraichean
[deasaich | deasaich an tùs]- Whyte, Henry (deas.) 1881. The Celtic Garland. Glasgow: Archibald Sinclair.
- 'Fionn' 1885. The Celtic Lyre: A Collection of Gaelic Songs with English Translations. Part I (Edinburgh: Maclachlan & Stewart)
- Ath-chlò-bhualadh 1888
- 'Fionn' 1891. The Celtic Lyre: A Collection of Gaelic Songs with English Translations. Part II (Edinburgh: John Grant)
- 'Fionn' 1886. The Celtic Lyre: A Collection of Gaelic Songs with English Translations. Part III (Edinburgh: Maclachlan & Stewart)
- Ath-chlò-bhualadh 1894 (Edinburgh: John Grant)
- 'Fionn' 1898. The Celtic Lyre: A Collection of Gaelic Songs with English Translations. Part IV (Edinburgh: John Grant)
- Whyte, Henry (deas.) 1898. Leabhar na ceilidh: sgeulachdan ait' agus dàin aighearach le Fionn (Glaschu; Dùn Èideann; An t-Òban: G. Mac na Ceàrdadh; E. Mac'IlleBhàin; I. Grannd; T. MacLeòid; E. Dòmhnullach; T. Boyd)
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ 1.0 1.1 Thomson, Derick. (1994). The Companion to Gaelic Scotland Glaschu: Gairm
- ↑ 2.0 2.1 Dòmhnall Eachann Meek. 'Radical Romantics: Glasgow Gaels & the Highland Land Agitation'. Glasgow: Baile Mòr nan Gàidheal / City of the Gaels (Glaschu: Roinn na Ceiltis, Oilthigh Ghlaschu, 2007) d. 163-166.
- ↑ Faic Meek d. 161
- ↑ BBC Bliadhna nan Òran