Fellowship of the Ring (leabhar)

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg

'S e The Fellowship of the Ring a' chiad leabhar ann an sreath nan trì leabhraichean an ur-sgeulachd mòr An Tighearna nam Fàinnean. Tha e roinnte a-steach do dà leabhair, Leabhar I agus II. Bha e foillsichte gu h-àrsaideach air an t-Iuchar 29, 1954 'san Rìoghachd Aonaichte.

An sgeul[deasaich | edit source]

Tha a' chiad sgeul a' cur an t-àrd-urlar suas air a' chunnart, a' leantainn Frodo Baggins cho tha tha e a' teicheadh às a dhachaigh 'san t-Sìorrachd a theicheadh na searbhantan an Dorcha Tighearna Sauron. Tha Sauron a' rùrach an Aon Fàinne a ceadaichidh e a riaghailt a' Mheadhan-thalmhainn. Tha 'n fhàinne seo le Frodo air shealbhadh air bhith, a bheil ga lorgadh fhèin gu h-aineòlach sa' mheadhan spàirn air ceannsalachd an t-saoghail.

A' gabhail an aire air a' comhairle an Draoidh Gandalf, tha Frodo a dhachaigh air fhàgail, a' ghabhail an fhàinne leis. Tha e a' cur dòchas ann a ruigidh e Rivendell, far a bith e sàbhailte às Sauron, is far an urrainn do na luchd nas glice na e roghnachadh mar a bu chòir iad mum fhàinne dhèanamh.

'Na thuras, tha Frodo co-cheumnaichte le trì caraid Hobbit, Pippin, Merry, agus Sam. Bhon tòiseachd, tha iad fuadaichte leis na Dorcha Marcaichean, na Tannasgan-Fàinne a bheil a' riarachadh Sauron. Teicheadh seo gu gann agus cunnartan eile 'gus coinneachadh caractearan eile ùidheil air an t-slighe (mar Tom Bombadil), ràinig iad ri-ùine Bree, far a choinnich iad Ceumadair, caraid eile Ghandalf a leanadh iad an còrr na t-slighe dhan Rivendell, tro tuilleadh cruadlan.

Tha Leabhar II a' cur an clàr an fuireach Fhrodo aig Rivendell, far a tha innleachd air dhèanamh ri mhilleadh an Fhàinne sa' Mhordor. Chuireadh Frodo air adhart le ochd companach: dà Daoine, Aragorn agus Boromir, mac an t-Stiùbhard na tìre a' Ghondoir; prionnsa nan Sìthiche, Legolas; caraid sean Fhrodo agus draoidh cumhachdach, Gandalf; Gimli an Troich; agus na trì companach àrsaideach Fhrodo. Bha na Naoi Siubhalaiche seo roghnaichte a chomharrachadh uile sìol saor na Meadhan-thalmhainn agus mar cothrom dhan Naoi Marcach. Bha iad co-cheumaichte le Bill an Siristeach, a fhuair Ceumadair is na Hobbiton sa' Bhree cho each-pasgain (seallaibh An Comann na Fàinne). Tha an oidhirp a dhol thairis nam Ceothach Bheinn air chur casg air leis an sneachda, mar sin feumaidh iad slighe fo na beinntean ghabhail tron Mhoria, rìoghachd sheann nan Troich, an-dràsda lìonta le Orcan agus bèistean olca eile, far a tha Gandalf a-steach dhan dubhaigeann air thuiteam an dèidh do sabaid le Balrog. Chaitheadh na ochd luchd a' Chomainn a' maireann àm sa' Chala-Sìthiche den Lothlórien, far an gheibheadh iad tiodhlacan a dhearbhadh ann am mòran choran a bhith feumail nas fhaidalacihe 'san tòrachd. Tha iad Lothlórien air fhàgail tron abhainn, ach tha Frodo a' tòiseachadh a thuisinn a bheil an Fàinne 'cur brìgh gamhlasach air roinn nam ball na buidheann. Tha 'n leabhar seo a' crìochnachadh nuair tha Frodo is Sam a' falbh gun fhiosda dham Mhordor agus tha 'n comann na Fàinne 'cur mu sgaoil.

Dàn[deasaich | edit source]

Air chùl na cùisean a tachairidh dham Ghiùlanair na Fàinne is an Comann, tòisichidh 'n leughadair a mhothachadh, th'ann mothachadh an Dàin a' falach, agus 'san deireadh, bidh e co-chuibhreach nam brìgh sìolaichte leis an nàdarr na maith fhèin, a neo-nì an t-Olc. Thuirt Frodo na tràille na Fàinne, Gollum, "'S bochd nach do shàth Bilbo an biast ghràineil, nuair bha roghainn aige!" agus tha 'n fhreagair Ghandalf

"Bochd? B'e iochd a chaisg a làmh. Iochd, is Maitheas: cha bhuaileadh gun dìon. Agus tha e air dhuaiseachadh gu math air bhith, Fhrodo. Be cinnteach a ghabh e ciùrr beagan hurt às an olc, agus theich 'san deireadh, seach thòisich e a shealbh na Fàinne mar sin. Le iochd."

Seallaibh cuideachd: An Tighearna nam Fàinnean: An Comann na Fàinne air fios air an fhilm.

Ceanglaichean a-mach[deasaich | edit source]