Mordor

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg

San t-saoghal fhaoinsgeulach aig J.R.R. Tolkien, b' e Mordor (leis an fhuaimneachadh [ˈmɔrdɔr]; à Tìr Dhubh agus Tìr a' Dhubhair sna cànain Sindarin agus Quenya air leth) an ceàrn a bh' air a ghlacadh 's a cheannsachadh le Sauron, ann an ceann an ear-dheas de thaobh an iar-thuath Meadhain-thalmhainn gu taobh an ear air Anduin, an abhainn mhòr. B' e beinn-theine ann am Mordor, Orodruin, an ceann-uidhe a bh' aig Comann na Fàinne ('s an uairsin aig Frodo Baggins agus Sam Gamgee) nuair a bha iad air an turas gus cur às don Aon Fhàinne.

Bha Mordor àraidh air sgàth 's gun robh i air a cuairteachadh gu tuath, gu deas agus an iar oirre le trì callaidean bheann àibheiseach. Bha na beanntan an dà chuid a' dìon a' cheàrn bho ionnsaigh obann a bheireadh oirre leis an luchd-còmhnaidh mun cuairt air, agus a' bacadh oidhirpean-teichidh aig an fheadhainn ann am Mordor fhèin. Theirear gur e beinn-teine Stromboli a bha fa-near dha Tolkien nuair a chuir e Mordor fa chomhair sùil inntinne.

Faic cuideachd[deasaich | deasaich an tùs]