Jump to content

Fàsach Strzelecki

O Uicipeid
Fàsach Strzelecki
fàsach
Ainm dùthchasachStrzelecki Desert Deasaich
Ainmichte às dèidhPaweł Strzelecki Deasaich
DùthaichAstràilia Deasaich
Sgìre riaghaltais ionadailNew South Wales, Tìr na Banrigh, Astràilia a Deas Deasaich
Domhan-leud is -fhad27°41′24″S 140°24′36″E Deasaich
Map
"Rathad" anns an Fhàsach Strzelecki

'S e fàsach ann an Astràilia a th' anns an Fhàsach Strzelecki (IPA tʃəˈlɛtski, Beurla: Strzelecki Desert).

Cruinn-eòlas

[deasaich | deasaich an tùs]

Tha e suidhichte ann an Astràilia-a-Deas, Queensland agus New South Wales. Tha am Flinders Range san àirde a deas dheth. The e anns an lag-creige Lake Eyre còmhla ri dà fhàsach eile—am Fàsach Tirari agus am Fàsach Shimpson.

'S e an t-seachdamh fàsach as motha ann an Astràilia le farsaingeachd de 80,250 km2, no 1% den fharsaingeachd Astràilia.[1]

Tha am feansa ris an canar an Dingo Fence, agus na slighean Birdsville Track agus Strzelecki Track a' dol tron fhàsach.

Aibhnichean

[deasaich | deasaich an tùs]

Tha na h-aibhnichean Diamantina River, Cooper Creek agus Strzelecki Creek uile a' ruith tron fhàsach.

Thàinig an t-ainm bhon neach rannsachadh Phòlannach Paweł Edmund Strzelecki.

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. "Deserts". Geoscience Australia. 2012-06-05. Retrieved 2015-10-25.