Elek Köblös
Elek Köblös | |
---|---|
Beatha | |
Breith | Dumbrăvioara, 12 dhen Chèitean 1887 |
Dùthaich | Romàinia |
Bàs | An t-Aonadh Sobhiatach, 9 dhen t-Sultain 1938 |
Foghlam | |
Cànain | Romàinis |
Dreuchd | |
Dreuchd | neach-naidheachd |
Creideamh | |
Pàrtaidh poileataigeach | Pàrtaidh Comannach Romàinia |
B' e saor, neach-aithris agus neach-poileataigs Comannach Stalineach às an Ostair-Ungaire, An Ungair agus Romàinia a bh' ann an Elek Köblös (ainmean-breige: Balthazar, Bădulescu agus Dănilă, Sáromberke (Dumbrăvioara), 12 an Cèitean 1887 - Mosgo, 9 an Dàmhair 1938).[1] Bhuinneadh e do theaghlach Clas-obrach agus b' e Ungairis a bh' aca aig an taigh. Chaidh e dhan sgoil ann an Nagyenyed (Aiud) agus an uair sin rinn e preantasachd ann an saorsainneachd ann an Marosvásárhely (Târgu Mureș),[2] far an do ghabh e ann an Aonadh-ciùird. Ann an 1918, agus an Ostair-Ungaire a' tuiteam a-mach à chèile, shabaid e ann an Cogadh Ungair-Romàinia, ri taobh Poblachd Shobhiatach na h-Ungaire an aghaidh feachdan Romàinia. Ghabh e ann am Pàrtaidh Comunnach Romàinia ann an 1921 ach chaidh a chur an greim ann an aon bliadhna an dèidh cho-labhairt a' Phàirtidh. Dheasaicheadh e dà phàipear-naidheachd comunnach Ungairis: Előre ann am Marosvásárhely agus Munkás ann am Bucharest.[3] Bha e na àrd-rùnaire a' Phàirtidh bho 1924 gu ruige 1927, ach bha e a-riamh ann ann strì an aghaidh Ana Pauker. B' fheudar dha an dùthaich fhàgail agus theich e thall thairis na fhògarrach san Aonadh Sobhiatach. Chaidh a chur an greim sa phrìosan Liublianka ann am Mosco agus a chur gu bàs air òrdughan Stalin air 9 an Dàmhair 1938, aig àm Purcaid Mhòr Stalineach.[4] Bha e air ath-ghnàthachadh an dèidh bàis le Nicolae Ceauşescu. Chreideadh Köblös gum bu chòir do ghach uile ar-a-mach agus atharrachadh poiliteagach a bhith fo stiùir mion-chuid Stalinich proifeiseanta, an treabh dham buinneadh esan fhèin.[5]
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ Köblös Elekné: Emlékeimből (Balogh Edgár bevezetőjével). Korunk, Cluj-Napoca 1971.
- ↑ Romániai magyar irodalmi lexikon: Szépirodalom, közírás, tudományos irodalom, művelődés III. (Kh–M). Főszerk. Dávid Gyula. Bucharest: Kriterion. 1994. ISBN 973-26-0369-0
- ↑ Fodor, Ladislau: Előre. Közli Presa comunistă şi a organizaţiilor de masă create şi conduse de P. C. R. IV. 1978.
- ↑ Branko Lazitch with Milorad M. Drachkovitch, Biographical Dictionary of the Comintern: New, Revised, and Expanded Edition. Stanford, CA: Hoover Institution Press, 1986.
- ↑ Tismaneanu, V, The Tragicomedy of the Romanian Communist Party, East European Politics and Societies, 1989.