Eisleben
Eisleben | |
Eisleben, meadhan a' bhaile | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | A' Ghearmailt |
Co-chomharran | 51° 31′ T 11° 33′ E |
Feartan fiosaigeach |
Is e baile beag Gearmailteach a tha ann an Eisleben. Tha e na laighe ann an iar dheas Sagsainn-Anhalt faisg air na beanntan Harz. Tha 21.000 daoine a' fuireach an seo. Tha Eisleben cliùiteach o chionn Màrtainn Lùtair. Tha na taighean far an do rugadh e agus far an do chaochail e ann fhathast. Tha iad air an dìon mar dualchas na cruinne leis an UNESCO (còmhla ri Lutherstadt Wittenberg). Mar sin is e Lutherstadt Eisleben (Baile-Lùtair Eisleben) an t-ainm oifigeil a tha air Eisleben.
Taigh-breith Mhàrtainn Lùtair
[deasaich | deasaich an tùs]Ann an Lutherstadt Eisleben chìthear an taigh far an do rugadh Màrtainn Lùtair. Tha na seòmraichean fhathast anns an aon dòigh mar a bha iad aig àm Lùtair. Tha an t-sràid agus an gàrradh ceangailte ris an trannsa. B’ e seo an t-àite, far am bitheadh na daoine ag obair. An-diugh tha tòrr dhealbh rim faicinn mu Lùtair, a charaid Melanchthon agus Frederick III. Is e taigh-tasgaidh Lùtair a' chiad taigh-tasgaidh anns a' Ghearmailt agus aon de na taighean-tasgaidh as sine air feadh an t-saoghail.
Taigh-bàis Mhàrtainn Lùtair
[deasaich | deasaich an tùs]Tha an taigh far an do chaochail Màrtainn Lùtair ann an Eisleben cuideachd. An-diugh tha taisbeanadh ann mu Bhìobaill Lùtair.
-
An taigh far an do chaochail Lùtair
-
Clach-cuimhne Mhàrtainn Lùtair air beulaibh a thaigh-breith
-
Amar-bàistidh Lùtair. Air cùlaibh tha dealbh Màrtainn Lùtair, bean Lùtair agus a phàrantan ann
Bailtean co-cheangailte
[deasaich | deasaich an tùs]Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ Stadt Herne
- ↑ “Stadt Memmingen: Partnerstädte”. Baile Mhemmingen. Air a thogail 15mh dhen Dàmhair 2023.
- ↑ Annuaire de France
- ↑ Stadt Weinheim
Ceanglaichean a-mach
[deasaich | deasaich an tùs]- Duileag oifigeil (anns a’ Bheurla)
- UNESCO
- Martin Luther anns a' Bheurla
- Schaetze Tha fiolmaichean beaga (15min) mun chuid as motha den dhualchas na cruinne UNESCO rim faicinn mar RealPlayer-bhidio
- Sacred Destinations