Jump to content

Eilean a' Chlèirich

O Uicipeid
Acarsaid Eilean a' Chlèirich, le Beinn Mhòr Chòigeach air a chùlaibh

'S e eilean beag a tha ann an Eilean a' Chlèirich. Tha e suidhichte air àird an iar na h-Alba air ceann Loch Bhraoin. 'S e aon de na h-Eileanan Samhraidh a th’ ann. Tha e suidhichte air àirde a deas Glas-leac Beag agus air àird an iar Eilean a' Bhotail. Tha e mu shia cilemeatair air falbh bho mhòr-thìr na h-Alba. [1] 'S e seo na Co-chomharran aige: 57° 57′ 34″ Tuath agus 5° 30′ 25″ Iar.

Chan eil duine sam bith a' fuireach ann.

Cruth na tìre

[deasaich | deasaich an tùs]

Tha Eilean a' Chlèirich cho farsaing ri 122 heactair. Tha dà phàirt mhòr àrd ann a tha à gaineamh-chlach agus tha gleann eatorra. Tha dà loch anns a’ ghleann ris an canar Lochan na Gleann agus Lochan Iar. [2] Tha mòran lochan eile anns an eilean, seo an fheadhain as motha: Lochan Tuath, Loch Beag, Loch Dubh Meadhanach, Lochan Fada is Loch na h-Àirigh. Air àird a deas Loch na h-Àirigh lorgar eaglais aosmhor bheag bhriste agus tobhta bhothain. Tha tursachan ro-eachdraidheil faisg air an loch seo a chaidh a chladhachadh le Harvie-Brown, seòladair aig àm Bhioctorianach.

Tha an t-àite as àirde sa deas an eilein faisg air Moll na h-Uaimhe, tha e 78 meatair (256 troigh) os cionn na mara. Tha uamh ann am Moll na h-Uaimhe far an do lorg Fraser Darling cnàmhan mhucan, cnàmhan daimh agus cnàmhan luaireagan.

Tha uamhan eile ann, m. e.: Toll Eilean a’ Chlèirich air àird an ear-thuath an eilein.

Fiadh-bheatha

[deasaich | deasaich an tùs]

Tha fraoch a’ fàs air a' chuid as motha den eilean ged a tha fearann coillteach beag ann cuideachd. [3]

Tha mòran Bhiastan-dubha a’ fuireach faisg air Lochan na Gleann agus Lochan Iar.

Tha 29 seòrsaichean diofraichte de eòin a’ fuireach anns an eilean, ri measg 's e na luaireagan (Hydrobates pelagicus) aon de na seòrsaichean as motha a th’ ann. [1] [4]

Tha Eilean a' Chlèirich dìonta mar Tèarmann Nàdair Nàiseanta agus tha e aig Comann Rìoghail Dìon nan Eun (RSPB). Tha e aidichte mar Àite Sònraichte Dìona (SPA). Chan eil e ceadaichte a dhol air an eilean gun chead bhon RSPB.

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. 1.0 1.1 "Priest Island SPA Description". Joint Nature Conservation Committee. Retrieved 2007-12-15.
  2. Haswell-Smith, Hamish (2008): The Scottish Islands, duilleag 190; Dùn Èideann, Canongate. ISBN 9781847672773
  3. Priest Island: Overview of Priest Island”. Gazetteer for Scotland. Air a thogail 24mh dhen Mhàrt 2024.
  4. Haswell-Smith, Hamish (2008): The Scottish Islands, duilleag 191; Dùn Èideann, Canongate. ISBN 9781847672773

Ceanglaichean a-mach

[deasaich | deasaich an tùs]
  • Iomraidhean nam mapaichean airson comharradh-clèithe: NB 926 026