Eilean Mhàrtainn
’S e aon de na h-Eileanan Samhraidh a tha ann an Eilean Mhàrtainn. Tha e suidhichte air àird an iar na h-Alba ann an Loch Kanaird aig ceann Loch Bhraoin. Tha e mu 3 mìltean air falbh bho Ullapul, mar sin 's e Eilean Mhàrtainn am fear de na h-eileanan Samhraidh a tha as faisge air Ullapul.
Tha Eilean Mhàrtainn 157 heactair ceàrnagach de mheud agus tha an t-àite as àirde 123 meatair os cionn na mara. Tha gleann beag air àird an iar Eilein Mhàrtainn ris an canar Bad an Luig.
Thàinig ainm an eilein bho Naomh Mhàrtainn.[1] Bha eaglais bheag an seo ainmichte air Naomh Mhàrtainn, tha an tobhta fhathast ri faicinn. Tha taighean briste eile agus seann sgoil ann a tha suidhichte air àird an earra-dheas an eilein faisg air camas beag.
Eachdraidh
[deasaich | deasaich an tùs]Anns an 18mh is 19mh linn bha àiteachas agus iasgach nan gnìomhairean as cudthromaiche anns an eilean. Ann an 1820 thoisicheadh croitearachd anns an eilean. [2] Eadar 1939 is 1948 bha muileann ann.
Anns a’ bhliadhna 1965 cheannaich Monica Goldsmith Eilein Mhàrtainn. Chuir i uisge agus dealan anns an eilean. Bha i measail air glèidhteachas-nàdair anns an eilean, mar sin thug i an eilean don Royal Society for the Protection of Birds (RSPB) ann an 1981. Ann an Cèitean 1999 thug an RSPB an eilean don Isle Martin Trust [3] a tha aig a’ choimhearsneadh Loch Broom agus Coigach.
Bliadhna | Muinntir an eilein |
---|---|
1841 | 45 |
1881 | 42 |
1891 | 47 |
1901 | 33 |
1931 | 3 |
1961 | 0 |
1971 | 0 |
1981 | 1 |
1991 | 1 |
2001 | 01 |
1Uaireannan tha daoine a’ fuireach anns an aona taigh san t-samhradh.[1]
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ 1.0 1.1 Haswell-Smith, Hamish (2008): The Scottish Islands, duilleag 189. Dùn Eideann: Canongate. ISBN 9781847672773.
- ↑ Isle Martin Trust
- ↑ The Isle Martin Trust (Caledonia Centre for Social Development)
Ceanglaichean a-mach
[deasaich | deasaich an tùs]- Iomraidhean nam mapaichean airson comharradh-clèithe: NH 091 996
Càrn Iar • Càrn Deas • Càrn nan Sgeir • Eilean a' Bhotail • Eilean a' Bhuic • Eilean a' Chlèirich • Eilean a' Chàr • Eilean Dubh • Eilean Fada Mòr • Eilean nan Eich • Eilean Mhàrtainn • Eilean Mullagrach • Eilean Ruisteil • Glas-leac Beag • Glas-leac Mòr • Meall nan Gabhar • Sgeir nam Feusgan • Tannara Bheag • Tannara Mhòr