Jump to content

Edward Said

O Uicipeid
Edward Said
Beatha
Breith Ierusalem, 1 dhen t-Samhain 1935
Dùthaich  Na Stàitean Aonaichte
Mandat na Palastain
Bàs Eabhraig Nuadh, 25 dhen t-Sultain 2003
Nàdar a’ bhàis adhbharan nàdarra (bànachadh-fala)
Teaghlach
Cèile Maire Jaanus (mul) Translate  (1962 -  1970)
Mariam C. Said (en) Translate  (1970 -  2003)
Clann
Bràithrean ⁊ peathraichean
Sinnsirean
Foghlam
Foghlam Oilthigh Harvard
Victoria College (en) Translate
Northfield Mount Hermon School (en) Translate
Oilthigh Princeton
St. George's School, Palestine (en) Translate
Àrd-fhoghlam Doctor of Laws (en) Translate
Cànain Arabais
Beurla
Levantine Arabic (en) Translate
Dreuchd
Dreuchd sgrìobhadair, breithniche litreachais, neach-naidheachd, feallsanaiche, eòlaiche-ciùil, neach-saidheans poileataigeach, eadar-theangair, rannsaichear, philologist (en) Translate, sgrùdair ciùil, neach-teagaisg oilthigh agus neach-ciùil
Àitichean-obrach Eabhraig Nuadh agus Cairo
Fastaichean Oilthigh Cholumbia
Obraichean comharraichte Orientalism (mul) Translate
Duaisean a fhuaras
Buaidh Michel Foucault agus Jean-Paul Sartre (mul) Translate
Ballrachd Acadamh Aimeireaga nan Ealan is nan Saidheans
Acadamh Aimeireaganach nan Ealan is nan Litir
Arab Academy of Damascus (en) Translate
Comann Aimeireaganach na Feallsanachd
Neach-fànais
IMDb nm0756429

B' e sgoilear Palastaineach a bh’ ann an Edward Wadi Said a rugadh ann an Ierusalam air 1 an t-Samhain 1935 nuair a bha Palastain fo smachd Ìompaireachd Bhreatainn. Ged a b’ e Crìosdaidhean a bhuineadh dha Eaglais Shasainn (Easbaigeachas) a bha san teaghlach aige, thuirt Said ma dheidhinn fhèin gur e “Crìosdaidh còmhdaichte ann an cultar Muslamach” a bh’ ann dheth. Chuir e seachad a' chuid bu mhotha de bhliadhnaichean fhìor òigridh ann an sgoiltean Ierusalam, ach an dèidh a' chogaidh eadar na h-Iùdhaich agus na h-Arabaich ann an 1948 ghluais e fhèin agus a theaghlach gu Cairo far an robh bùth aig athair. An dèidh dha a bhith a' frithealadh àrd-sgoil ainmeil anns an Èipheit, chuir e crìoch air a chuid foghlaim anns na Stàitean Aonaichte aig Oilthigh Phrinceton agus Oilthigh Harvard; agus an dèidh greis fhuair e dreuchd mar ollamh ann an litreachas na Beurla aig Oilthigh Cholumbia ann an New York. Bhiodh e gu tric a' càineadh poileasaidhean stàit Iosrael is e a' toirt taic do mhuinntir Phalastain. Tha e ainmeil airson an leabhair 'Orientalism' a sgrìobh e mu bhuaidh ìompaireachdan na Roinn-Eòrpa air seallaidhean an luchd-ealain Eòrpaich mu choinneamh coimhearsnachdan, cànanan is cultar an Ear-Mheadhanaich is Àisia a Deas. Cho math ri bhith na sgoilear cliùiteach a thaobh litreachais, bha Said cuideachd na neach-ciùil gu math ealanta air a' phiàno. An dèidh dha a bhith a' fulang le aillse airson còrr is deich bliadhna, fhuair e bàs air 25 an t-Sultain 2003.

Aistean co-cheangailte

[deasaich | deasaich an tùs]