Eanraig Stiùbhairt, Morair Darnley
Eanraig Stiùbhairt, Morair Darnley | |||
---|---|---|---|
unknown value | |||
Beatha | |||
Breith | Temple Newsam (en) , 1546 | ||
Dùthaich | Rìoghachd na h-Alba | ||
Bàs | Dùn Èideann, 10 dhen Ghearran 1567 (Gregorian) | ||
Àite-adhlacaidh | Abaid Taigh an Ròid | ||
Nàdar a’ bhàis | murt duine | ||
Teaghlach | |||
Athair | Matthew Stewart, 4th Earl of Lennox | ||
Màthair | Margaret Douglas | ||
Cèile | Màiri I, Bànrigh na h-Alba (29 dhen Iuchar 1565 (Gregorian) - 1567 (Gregorian)) | ||
Clann | |||
Bràithrean ⁊ peathraichean |
liosta
| ||
Fine | Taigh nan Stiùbhartach | ||
Foghlam | |||
Cànain | Beurla | ||
Dreuchd | |||
Dreuchd | neach-poileataigs | ||
Creideamh | |||
Creideamh | Eaglais Chaitligeach |
B' e uasal agus Rìgh Cèile Màiri I, Bànrigh na h-Alba a bha ann an Eanraig Stiùbhairt, Morair Darnley (neo Dàrnlaidh[1]).
Rugadh e ann an Temple Newsam ann an Siorrachd Eabhraig ann an 1545 neo 1546. B' e Iarla Leamhnachd athair is Mairead Dhùghlais a mhàthair. Thàinig an ainm Darnley à baranachd Darnley ann an Siorrachd Rinn Friù. Bha athair air fògradh air sgàth 's gun do ghabh e pàirt anns an t-Suirghe Gharbh. Leig Màiri an teaghlach a thilleadh a dh'Alba ann an 1564 is choinnich e a cho-ogha Màiri ann an Caisteal Wemyss 17 Gearran 1565. Chaidh e na Mhorair Ardmannoch is na Iarla Rois 15 Cèitean, Diùc Albann 22 Iuchar, Rìgh Cìle 28 Iuchar is phòs e Màiri 29 Iuchar. Cha robh e measail aig a' chùirt is dh'fhàs Màiri faisg air a rùnaire David Rizzio.
Rugadh an mac, Seumas, 19 Òg-mhios 1566. Dhiùlt Eanraig dol do bhaisteadh Sheumais is chaidh e do Ghlaschu is dh'fhàs e tinn. Ghabh Màiri e do Dhùn Èideann ach mhair e ann an taigh ann an Kirk O' Field an àite Lùchairt Taigh an Ròid. Chaochail e agus a shearbhanta 10 Gearran 1566 is spreadh an taigh, ach cha robh sgeul an spreadhaidh air an cuirp.[2]
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ Mac Coinnich, Aonghas (1867): Eachdraidh na h-Alba : anns a'bheil gearr-iomradh air na nithibh is cudthromaich' a thachair 's an rioghachd, o na ceud linnibh, gu meadhon an naoiheamh linn deug. Glascho: G. Mac-na-Ceardadh. Air a thogail 10mh dhen Ghearran 2019.
- ↑ Greig, Elaine Finnie (3s dhen Fhaoilleach 2008): “Stewart, Henry, duke of Albany [known as Lord Darnley]”, Oxford Dictionary of National Biography. Oxford: Oxford University Press. doi:doi.org/10.1093/ref:odnb/26473. Air a thogail 10mh dhen Ghearran 2019.