Ealain nan Ceilteach Pàganach

O Uicipeid
Pìos ealain à 480 BC, a chaidh a lorg ann an Vix, an Fhraing

Ealain nan Ceilteach Pàganach[deasaich | deasaich an tùs]

Tha ìomhaighean bheathaichean sònraichte rim faicinn anns na làmh-sgrìobhainnean Ceilteach-Eileanach de na 7mh agus 8mh linntean. An toiseach ann an Leabhar Darú, thàinig eileamaidean còmhla bho thrì tùsan: ealain nan Ceilteach pàganach, ealain nan Lochlannach/Gearmailteach, agus ealain bho sgìre na Mara Meadhanach: Byzantium nan Greugach agus an Ròimh. Ann an Leabhar Cheanannais agus ann an Soisgeulan Lindisfarne chaidh an cothlamadh a leasachadh gu iomlanachd.

Tha e iomchaidh coimhead air eisimpleirean ealain bho na tùsan a lean dhan chothlamadh, agus air na h-eileamaidean mar a nochd iad anns na làmh-sgrìobhainnean.

Hallstatt agus La Tène anns an Roinn-Eòrpa[deasaich | deasaich an tùs]

Thàinig na Ceiltich bho mheadhan agus bho thaobh an ear na Roinn Eòrpa, agus ghiùlain iad comharraidhean bhon àirde an ear a dh'ionnsaigh na h-àirde an iar. Dh'èirich cultar nan Ceilteach ri taobh cultar nan Illyrian. Bha an dà chultar ceangailte aig àm Hallstatt a thaobh dòighean cleachdadh iarainn agus umha. Nochd sìobhaltas Ceilteach La Tène mun chòigeamh linn R.C. bho fhreumhan cultar Hallstatt.

Sgaoil sìobhaltas La Tène bho sgìre bhreith stoidhle ealaine La Tène. Bha treubhan Ceilteach pàganach ag imrich air feadh na Roinn Eòrpa iomadh uair fad nan linn R.C.

Siubhal[deasaich | deasaich an tùs]

A bharrachd air siubhal air talamh ann an carbadan agus air eich, bhiodh na Ceiltich phàganach a' siubhal air sàl agus uisge. Bha an fheadhainn a bha air iomall a' chuain agus an fheadhainn a bha a' fuireach air bruthaich nan aibhnichean math air eathraichean a thogail. Shiubhail iad air na h-aibhnichean mòra anns an Roinn Eòrpa agus cuideachd air a' mhuir. Fada ro linn na Crìosdaidheachd, bha na Ceiltich a' malairt ri daoine ann an sgìre na Mara Meadhanach, ris na Greugaich agus ris na Etruscanaich. Gu h-àraidh, bha iad a' malairt ri baile Massalia, air Inbhear na Rhône, tìreachas Greugach a chaidh a stèidheachadh mu 600 R.C. le Phocaeans bho Aisia Bheag, rud a cheangail Massalia ri sgìre mhalairt gu math farsaing.

Gu cunbhalach, ghabh na Ceiltich ri dòighean obrachaidh ùra ann an umha, òr, airgead, agus iarann, agus chleachd na Ceiltich iad còmhla ri dòighean obair-chiùird a bha aca mu thràth.

Mar thoradh air malairt, nochd cumaidhean agus ìomhaighean ann an ealain nan Ceilteach a thàinig bho àiteachan fad air falbh, mar Inbhear na Danube, na Monaidhean Charpathia, Thrace air a' Cheann-tìre Balkan, Anatolia, Beanntan Cabhcas, Àirdean Meadhanach na Ruis, agus Steipichean Meadhan na h-Àisia. Ghabh na Ceiltich ri ìomhaighean agus ornaidean a bha cumanta am measg nan slògh coigreach agus chleachd iad iad anns an dòigh aca fhèin.

Eoin is Beathaichean[deasaich | deasaich an tùs]

Cù Wallertheim, à linn chultar La-Tène

Cho tràth ri linn chultar Hallstatt, bha iomadh ìomhaigh eòin agus beathaich ann an ealain nan Ceilteach. Cha b' e comharradh coimheach a bha sin idir: bha eòin agus beathaichean cudthromach ann an creideamh nan Ceilteach pàganach.

Is ann air sàilleabh 's gun robh na Ceiltich a' gluasad air feadh Mòr-thìr na Roinn Eòrpa gu bheil a' chuid as motha den stuth a dh'fhàg iad 's a chaidh a lorg caran beag. Dh'fhàg iad rudan a ghabhadh a ghiùlan gu furasta, mar seudraidh, acfhainn carbaid, armachd agus acfhainn airson eich. 'S ann bho uaighean a thàinig cuid mhòr de na nithean seo.

Gabhaidh cumadh ealain Etruria no ealain na Grèige clasaigich fhaicinn anns a' chlagan-fìona Cheilteach bho linn La Tène a chaidh a lorg ann am Basse-Yutz, Moselle. Tha bonn a' chlagan Etruriach agus tha bàrr a' chlagan Ceilteach. Tha beathaichean agus eun La Tène air bàrr a' chlagan.

Ealain nan Ceilteach Eileanach ro linn Crìosdaidheachd[deasaich | deasaich an tùs]

Dìreach mar a bha structar sòisealta nan Ceilteach anns an Roinn Eòrpa, bha dòigh-beatha an t-sluaigh ann an Èirinn agus ann an Alba stèidhichte air structar sòisealta treubha. Ro linn na Crìosdaidheachd, bhiodh luchd-ealain a' dèanamh an cuid obrach airson uaislean mar rìghrean, ridirean agus ghaisgich.

Bhiodh uaislean na dùthcha ag iarraidh obair ealain mar seudraidh agus armachd. Cha robh togalaichean sòghail cudthromach dhaibh.

Chaidh ceanglaichean cultarach agus poileataigeach a stèidheachadh eadar na h-Eileanan Breatannach agus an Roinn Eòrpa aig an àm a bha na Ròmanaich ann an Sasainn. B' ann an sin a nochd an creideamh Crìosdaidh airson a' chiad uair. Ach cha tug na Ròmanaich buaidh mhòr air cultar na h-Èireann neo na h-Alba.

Anns an roinn mu dheireadh de stoidhle La Tène Eòrpach, bha cumaidhean lùbte agus cuairteagan a' faighinn prìomh àite anns an ealain. Gidheadh, anns an Roinn Eòrpa, fo bhuaidh cultar nan Ròmanach, chaidh ealain na roinne mu dheireadh de linn La Tène a chrìonadh gu stoidhle nach robh idir cho beòthail 's a bha e aig an toiseach.

'S ann an Èirinn agus ann an Alba a chaidh feadhainn de na h-eisimpleirean as fheàrr den roinn mu dheireadh de chultar La Tène a chruthachadh. Mhair sàr-ealain La Tène sna àiteachan sin gu ruig an àm nuair a ràinig an creideamh Crìosdail.

Chì sinn tè de na h-eisimpleirean as fheàrr de La Tène Eileanach anns a' chlogaid umha airson capaill a chaidh a lorg ann an Torrs, Siorrachd Cille Chuithbeirt, Alba. Tha ceann eòin air ceann-deiridh an dàrna adhairc.

Co-dhùnadh[deasaich | deasaich an tùs]

Is urrainn dhuinn faicinn gun robh na Ceiltich, feadh nan linntean, gu tric a' gabhail ìomhaigh neo eileamaid ealain a bha aig sluagh eile, agus ga chleachdadh ann an dòigh eadar-dhealaichte. Gu h-àbhaisteach, bhiodh iad ag atharrachadh an rud a fhuair iad agus ga dhèanamh nas sìmplidh. Bha ealain nan Ceilteach stèidhichte air eileamaidean teibidh (eas-cruthach) gu ìre mhòr: cha robh i riamh stèidhichte air fìorachas (rèalachas).

Bha òrdugh an luchd-ealain Cheiltich stèidhichte air cumaidhean lùbte agus snìomhach gu ìre mhòr. Bha ceàrdan-umha a' cleachdadh phàtranan lùbte neo ceart-cheàrnach air seudraidh agus armachd. Bhiodh iad ag atharrachadh ìomhaighean eòin agus beathaich agus a' dèanamh chumaidhean lùbte nach robh idir nan leth-bhreac de na tha sinn a' faicinn ann an nàdar.

Gabhaidh seo fhaicinn anns an ealain Cheiltich, agus gu h-àraidh anns an ealain Cheiltich anns na h-Eileanan Breatannach, gun robh an aon rud a' tachairt gu cunbhalach. Bhiodh na ceàrdan-umha agus ceàrdan-airgid ag atharrachadh nì air an robh cumadh lùbte bho chruth sìmplidh neo-sgeadaichte gu nì air an robh cinn beathaich no cinn eòin.

An Cathach

Leabhar Darú

Soisgeulan Lindisfarne

Leabhar Cheanannais

Ceanglaichean a-mach[deasaich | deasaich an tùs]

Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: