Dolores Ibárruri
| Dolores Ibárruri | |||||||
|---|---|---|---|---|---|---|---|
|
| |||||||
26 dhen Ghearran 1936 - 2 dhen Ghearran 1939 Sgìre: Oviedo (en)
20 dhen Mhàrt 1942 - 3 dhen Iuchar 1960 ← José Díaz (en)
7 dhen Iuchar 1977 - 2 dhen Fhaoilleach 1979 Sgìre: Asturias (en) Taghadh: 1977 Spanish general election (en) | |||||||
| Beatha | |||||||
| Ainm slàn | María de los Dolores Ibárruri y Gómez | ||||||
| Breith | Gallarta, 9 dhen Dùbhlachd 1895 | ||||||
| Dùthaich |
| ||||||
| Bàs |
Hospital Universitario Ramón y Cajal (en) | ||||||
| Àite-adhlacaidh |
Cladh Catharra Mhadrid Cladh Catharra Mhadrid | ||||||
| Nàdar a’ bhàis | adhbharan nàdarra (am fiabhras-clèibhe) | ||||||
| Teaghlach | |||||||
| Cèile |
Julián Ruiz Gabiña (en) | ||||||
| Clann |
liosta
| ||||||
| Foghlam | |||||||
| Foghlam |
normal school (en) | ||||||
| Àrd-fhoghlam | dotair nan saidheansan | ||||||
| Cànain | Spàinntis | ||||||
| Dreuchd | |||||||
| Dreuchd | neach-poileataigs, neach-naidheachd agus neach-iomairt | ||||||
| Àitichean-obrach | Madrid | ||||||
| Duaisean a fhuaras | |||||||
| Ballrachd |
World Committee of Women Against War and Fascism (en) Unión de Mujeres Españolas (mul) | ||||||
| Far-ainmean | La Pasionaria | ||||||
| Creideamh | |||||||
| Pàrtaidh poileataigeach | Pàrtaidh Comannach na Spàinne | ||||||
| IMDb | nm0406459 | ||||||
|
| |||||||
B’ e Isidora Dolores Ibárruri Gómez neo La Pasionaria, (Gallarta, 9 an Dùbhlachd 1895[1]–Madrid, 12 an t-Samhain 1989),[2] ceannard Poblachdach, tè-phoileataigs agus Comunnach à Dùthaich nam Basgach rè Cogadh Sìobhalta na Spàinne. ‘S mathaid gu bheil i cho cliùiteach gus ar làithean airson na rinn i airson Dàrna Poblachd na Spàinne a dhìon agus an t-sluagh-ghairm ainmeil aice ¡No Pasarán! ("Cha tèid iad seachad") ri linn Cath Mhadrid.[3] Ged an robh i na Chaitligeach rìoghaire (Spàinntis: Carlista) nuair a bha i òg,[4] dh’fhàs i a bhith na neach-dèanadais cathail is i airson ar-a-mach comannach, is fiù 's fhuair i ballrachd Pàrtaidh Comannach na Spàinne (Spàinntis: Partido Comunista Español) nuair a chaidh am pàrtaidh a stèidheachadh ann an 1921. Fad na 30an sgrìobhadh i ann am Mundo Obrero[5] (Gàidhlig: Saoghal nan Luchd-obrach), pàipeir-naidheachd a’ phàrtaidh fhèin. Chaidh i a thaghadh mar bhall-pàrlamaid airson Asturias anns An Gearran 1936 ri linn an dàrna Poblachd.[6] B’ fheudar dhi an dùthaich fhàgail aig deireadh a’ chogaidh.[7] Dh’ainmicheadh Ibárruri Ceannard Comataidh Mòr a’ Phàirtidh, dreuchd a chumadh i bho 1942 gu ruige 1960.[8] A bharrachd air sin, bha i na ceann-suidhe onorach nan Comannach Spàinnteach fad a beatha cuideachd. Nuair a dh’fhaodadh i a thilleadh gus An Spàinn ann an 1977,[9] chaidh i a thaghadh a-rithist airson an aon sgìre. Thathar ag ràdh daonnan gur e tè dhe na h-òraidichean na b’ fheàrr na 20mh Linn a bh' innte. Thog na aonaidhean-ciùird càrn-cuimhne air a son ann an Glaschu.[10][11] Bha Spàinntis aice.[12]
Dealbhan
[deasaich | deasaich an tùs]Ri leughadh
[deasaich | deasaich an tùs]- Dolores Ibarruri (1976). El único camino. Moscú: Progreso. Reedición Editorial Castalia.ISBN 84-703-9661-7.
- Rafael Cruz (1999). Pasionaria, Dolores Ibarruri, historia y símbolo. Madrid: Biblioteca Nueva. ISBN 84-703-0741-X.
- Dolores Ibarruri (1985). Memorias. Barcelona: Planeta. ISBN 84-703-0741-X.
- Teresa Pamiés (1976). Una española llamada Dolores Ibarruri. Barcelona: Martínez Roca.
- Manuel Vázquez Montalbán (1995). Pasionaria y los siete enanitos. Barcelona: Planeta.