B’ e dùthaich bheag neo-eisimeileach am broinn Ìmpireachd Naomh na Ròimhe (gu ruige 1806 ) anns a’ Ghearmailt a bh’ anns an Diùcachd Shachsen-Altenburg (Gearmailtis : Herzogtum Sachsen-Altenburg ).[1] Bha an stàit ann airson a' chiad turais bho 1603 gu ruige 1672 agus an uair sin bho 1826 , an dèidh bhriseadh Diùcachd Sagsainn-Gotha-Altenburg , gu ruige Ar-a-mach na Gearmailt ann an 1918 .[2] Mhair an stàit seo mar sgìre fad Ìmpireachd na Gearmailte (1871 – 1918) gus a chaidh a thoirt a-steach gu Thüringen ann an 1920 .[3] B’ e Altenburg a bh’ ann prìomh-bhaile na dùthcha agus b'e an Teaghlach Uasal Wettin os a chionn.
↑ Johann B. Homann: Die Herzogtümer Gotha, Coburg und Altenburg 1729, Historische Karte: Tabula Geographica Principatus Gotha, Coburg, Altenburg, Verlag Rockstuhl, Bad Langensalza, Reprint 1757/1999, ISBN 3-929000-78-4
↑ Almanach de Gotha
↑ Novemberrevolution