Jump to content

Dicuil

O Uicipeid
Dicuil
Beatha
Breith 755
Bàs 825
Foghlam
Cànain Laideann
Dreuchd
Dreuchd taisgealaiche, bàrd, sgrìobhadair, reul-eòlaiche, sagart agus cruinn-eòlaiche
Creideamh
Creideamh Eaglais Chaitligeach

‘S e manach Èireannach agus reul-èolaiche a bh’ ann an Dicuil, ged a tha fiosrachadh a dhith mun bheatha na bu tràithe aige.[1] Chaidh e gu sgoil na lùchairt aig Louis an Cràbhach ann an Francia. Mu 814-16 sgrìobh e Liber de Astronomia, seòrsa de Computus Reuleolach.[2] Tha sin a’ gabhail a-steach coig leabhraichean, ann an rosg agus bàrdachd. Tha iomradh ann air reul-eòlas, mìosachan, ceann-latha na Càisge agus a’ Charghais, matamataigs[3] agus rannachd. Chan eil ann a-nis ach aon làmh-sgrìobhainn ann an Valenciennes, agus aon eile ann an Tours.

Ann an 825 sgrìobh e De mensura Orbis terrae, no Tomhas an t-Saoghail, leabhar mu dheidhinn chruinn’-eòlais.[4] Tha sin nas ainmeile na ‘n Computus aige. Chuir e gu feum leth-bhreac de làmh-sgrìobhainn le Theodosius II (435) air Mensuratio Orbis. Chleachd e cuideachd Pliny (as Sine), Isidore à Seville, agus eile. Sgrìobh e cuideachd mu dheidhinn nan eileanan faisg air Breatainn, air an robh e gu pearsanta eòlach. Thug e cunntas air Eòrpa, Àisia, Afraga, Èipheit, Ethioipia; farsaingeachd uachdar na Talmhainn; na còig aibhnichean mòra, eileanan, na sia beanntan as àirde. Rinn e iomradh air manaich a bha air tadhail air na h-eileanan Fàro agus Innis Tìle. Thuirt e mu dheidhinn Faro gun robh manaich a’ fuireach ann fad 100 bliadhna, ach ri a linn-sa cha robh ann ach caoraich agus eòin. Mu dheidhinn Innis Tìle, thuirt e gun robh manaich a’ fuireach ann eadar an t-earrach ’s am foghar bho chionn 30 bliadhna, ach dh’fhalbh iad le linn nan Lochlannach.

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Esposito, M (1905): “Dicuil: An Irish Monk in the Ninth Century,” ann an: The Dublin Review, td. 137, 327-337.
  2. Esposito, Mario (1907): “An Unpublished Astronomical Treatise by the Irish Monk Dicuil,” ann an: Royal Irish Academy (Foills.): Proceedings of the Royal Irish Academy. Section C: Archaeology, Celtic Studies, History, Linguistics, Literature, àir. 26, td. 378-446. Air a thogail 19mh dhen Mhàrt 2017.
  3. Ross, H.E. & Knott, B.I. "Dicuil (9th century) on triangular and square numbers", British Journal for the History of Mathematics, 2019, https://doi.org/10.1080/26375451.2019.1598687.
  4. Tierney, J.J. (1967): Dicuili Liber de Mensura Orbis Terrae. Dublin Institute for Advanced Studies. 

Ceanglaichean a-mach

[deasaich | deasaich an tùs]