Den Haag
Den Haag 's-Gravenhage
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | Na Tìrean Ìsle | ||||
Sgìre | Zuid-Holland (An Òlaind a Deas) | ||||
Co-chomharran | 52° 05 00' Tuath 04° 19 00′ Ear | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 82.66 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 504,260 (2012) | ||||
Dlùths | 6,100.41/km² | ||||
Àireamh fòn | +31 (0)70 | ||||
Duilleag oifigeil | Duilleag Oifigeil |
‘S e baile mòr agus port air an àirde an ear-dheas nan Tìrean Ìsle a th’ ann an Den Haag neo 's-Gravenhage (IPA: dɛnˈɦaːx/sxraːvə(n)ˌɦaːɣə Portagailis: Haia,Laideann/Pòlais/Romàinis: Haga, Spàinntis: La Haya, Fraingis: La Haye). Tha e suidhichte aig 4m os cionn ìre na mara,[1] anns an roinn Zuid-Holland (An Òlaind a Deas). Tha am baile 21km air falbh bho Rotterdam, 53km bho Amsterdam (Prìomh-bhaile na dùthcha), 56km bho Utrecht agus 199km bho Ghroningen.[2] Tha 504,260 duine a' fuireach anns a’ bhaile fhèin, leis gur e an treas baile as motha san dùthaich, [3][4] ach tha mu 1,088,508 anns an sgìre air fad.[5] Chaidh am baile a chlàradh airson a' chiad turas ann an 1242 mar Die Haghe (A' Choille). Dh'atharrachadh an t-ainm gu Des Graven Hage (Coille an Iarla) san 15mh linn. Canar 'Den Haag' ach sgrìobhar ' 's-Gravenhage', gu h-oifigeil.[6] Tha banrìghinn na dùthcha a' fuireach an seo. Chaidh Cornelius agus Johan de Witt a chur gu bàs an seo le gràisg fheargach fhiadhaich ann an 1672, ri linn Bliadhna na Dosgainne.[7]
Daoine Ainmeil
[deasaich | deasaich an tùs]- Willem Orange-Nassau (1650 - 1701) Fear-sgiùirseadh nan Gàidheal.
- Jan Tinbergen (1903 - 1993): Eaconamaiche.
- Simon van der Meer (1925 - 2011): Eòlaiche-fiosaig
- Cees Nooteboom (1933): Sgrìobhadair.
- Carel Struycken (1948): Actair.
- Derek de Lint (1950): Actair.
- Mark Rutte (1967): Neach-poileataigs.
Bailtean Co-cheangailte
[deasaich | deasaich an tùs]- Al Hoceima
- Bethlehem
- Juigalpa
- Nador
- Palembang
- Paramaribo
- Taza
- Warsaw
Ceanglaichean a-mach
[deasaich | deasaich an tùs]Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ Mongabay
- ↑ Distance Calculator
- ↑ "Bailtean na Cruinne". Archived from the original on 2013-06-21.
- ↑ Geonames
- ↑ Haaglanden in Cijfers
- ↑ Taal Advies
- ↑ NNDB