Deasbaireachd na roinn-seòrsa:Innse Gall

Page contents not supported in other languages.
O Uicipeid

Bu chòir an roinn-seòrsa seo a chur còmhla ris an roinn-seòrsa Na h-Innse Gall - agus co-dhùnadh a dhèanamh a bheil “Innse Gall” a’ ciallachadh na h-Eileanan Siar (Outer Hebrides) a-mhàin, no a bheil e a’ toirt a-steach eileanan eile air taobh siar na h-Albann. --194.35.194.95 11:52, 20 dhen Ghiblean 2016 (UTC)[reply]

'S math a mhothaich sibh gu bheil dùblachadh ann. 'S e mo bheachd fhèin na h-eileanan a chur fo 'Na h-Eileanan Siar' (chì mi gu bheil an dà dhuilleag ann cuideachd) le 'Innse Gall' aithnichte mar seann (far-)ainm eile. Ach ma chumas sinn 'Innse Gall', 's fhearr leam gun alt (na) e air sgath is gu bheil e coltach gu bheil e nas cumanta mar sin. 'S e an tuigse a th' agamsa gu bheil an t-ainm sin a' comharrachadh nan Eileanan Siar a-mhàin ach bhiodh e inntinneach beachdan eile a lorg. Emain Macha (an deasbaireachd) 15:06, 20 dhen Ghiblean 2016 (UTC)[reply]

Tha mi a’ dol leat a thaobh gach rud: gu bheil “Innse Gall” a’ comharrachadh nan Eileanan Siar a-mhàin; gu bheil “Innse Gall” nas fhearr na “Na h-Innse Gall”; agus gum biodh “Na h-Eileanan Siar” na b’fhearr na na dhà dhiubh! --Caoimhin (an deasbaireachd) 18:15, 20 dhen Ghiblean 2016 (UTC) (duilich - cha robh mi logged a-stigh roimhe)[reply]

Dè nì sinn a-nise ma-thà? An cuir sinn a' cheist air Doras na Coimhearsnachd? Ma thèid sinn air adhart, Seo na diofar ceumannan mar a chì mise iad:
  • Gluais RS:Na h-Eileanan an Iar gu Roinn-seòrsa:Na h-Eileanan Siar
  • Cuir RS:Na h-Eileanan Siar fo Roinn-seòrsa:Eileanan na h-Alba
  • Thèid tro dhuilleagan nan eilean agus cuir Roinn-Seòrsa:Na h-Eileanan Siar annta.
  • Cuir às do RS:Innse Gall & RS:Na h-Innse Gall (air neo an dèanar Redirect airson duilleagan RS?)
  • Na h-Aistean: Cuir às do Na h-Innse Gall. Redirect Innse Gall gu Na h-Eileanan Siar
  • Mìnich ann an Na h-Eileanan Siar gur e Innse Gall ainm eile (sean ainm? ainm 'poetic'?)
rudan eile? Emain Macha (an deasbaireachd) 10:58, 21 dhen Ghiblean 2016 (UTC)[reply]

Tha mi a’ smaoineachadh gu bheil am plana seo uile math. Cha shaoilinn gu feum sinn bodraigeadh ri Doras na Coimhearsnachd, oir chan e ceist ro mhór no ro chonspaideach a th’ann. Bhruidhinn mi ri dithis aig SMO an-diugh (Dòmhnall Uilleam Stiùbhart agus Iain Urchardan) agus bha iadsan mar a tha mi fhìn, den bheachd gun bheil “Innse Gall” san latha an-diubh buailteach a bhith a’ ciallachadh na h-Outer Hebrides a-mhàin, mar a tha ann an Gàidhlig na h-Éireann, ged is dòcha gun robh e uaireigin a’ ciallachadh a h-uile eilean a bha fo smachd nan Lochlannach (tha rud beag fo “inis” ann an DIL). Mar sin, tha mi a’ smaoineachadh gu bheil e nas sàbhailte “Na h-Eileanan Siar” a chleachdadh airson nan Outer Hebrides, agus gabhail ris nach eil facal Gàidhlig fa leth a tha a’ ciallachadh Inner+Outer Hebrides. (Bha Dòmhnall Uilleam ag ràdh gum bithear a’ canail “na h-eileanan mu thuath” air na h-eileanan tuath air Àird nam Murchan, agus “na h-eileanan mu dheas” air na h-eileanan deas air Àird nam Murchan.) Cha chreid mi gun dèanar Redirect air roinn-seòrsa. --Caoimhin (an deasbaireachd) 15:21, 22 dhen Ghiblean 2016 (UTC)[reply]

Ma chuirear "Hebrides" ann an AÀA chan fhaighear ainm fa-leth airson na h-eileanan gu lèir. A rèir W.J. Watson "Celtic Placesnames" (tdd 37, 173) bha an t-ainm "Innse Gall" cumanta timcheall air 1000 AC. Mar sin tha mi a' dol leibh gum bi e nas sàbhailte san latha an-diugh “Na h-Eileanan Siar” a chleachdadh airson nan Outer Hebrides a-mhàin. Ach tha e inntinneach na thuirt Dòmhnall Uilleam. A bheil sin dìreach airson nan Eileanan a-staigh no airson nan eileanan gu lèir?
Cha dèanar redirect air RS, no bidh na RS ceàrr a' nochdadh a-rithist is a-rithist anns na h-àistean. --Sionnach (an deasbaireachd) 17:40, 22 dhen Ghiblean 2016 (UTC)[reply]