Deasbaireachd:Yerevan
Halo a Shionnaich choir, cha chreid mi nach biodh "ann an ceann an earra-thuath Ghleann Ararat" na b'fhearr na "anns an earra-thuath Ghleann Ararat", a charaid. (Saoilidh mi gur h-e seorsa de "dh'adverb" a th' ann an "earra-thuath", chan e ainmear). Le meas A' chachaileith 14:41, 2 am Màrt 2008 (UTC)
- Failte a Shionnach/Chachaileith: Tha mi a' smaointinn gum biodh "anns an ear-thuath Ghlinn Ararait" na tuairsgeul as fhearr: Is e ainm air airde chombaist a tha ann an "ear-thuath", ach anns an suidheachadh seo tha e a' sonrachadh pairt de roinn as mòtha (Ghleann Ararait) agus mar sin is e ainmear a tha ann. Don bhrigh seo gabhaidh Gleann Ararat cruth gineadach Ghlinn Ararait ( tha fios agam nach eil seo coimhead riaghailteach ach is e sin an nòs abhaisteach le gleannaibh) tha facail bho òrain a rinn Uilleim Rois anns an 18mh cheud nam inntinn... rudeigin mu "...bruthaichean Ghlinn Bhraoin".Innleadair 15:31, 2 am Màrt 2008 (UTC)
- Hmmm, chan eil mi cinnteach. An toiseach feumaidh mi coimhead air na leabhraichean, agus an dràsda tha mi ro sgìth airson sin a dhèanamh. Ach gheibh sibh freagairt ann an uine nach bi fada. --Sionnach 21:43, 2 am Màrt 2008 (UTC)
Saoil, Innleadair, an ann a dh'aona-ghnothaich a tha thu a' litreachadh m'ainm mar sin? Tha mi beo an dochas nach ann! A' chachaileith 21:51, 2 am Màrt 2008 (UTC)
A Chacaileith: Cho fad 's a tha fios agam chan eil mi riamh air litreachadh do fhar-ainm ach a reir an nòs agad fhein.
- @Innleadair: Feumar "h" a bhith ann! A' chachaileith. ---Sionnach 21:10, 4 am Màrt 2008 (UTC)
Òchan Òchan Òchan Innleadair 21:45, 4 am Màrt 2008 (UTC) =/
A' tilleadh ri cnap na cuise: Mhair sanas aig Gleann Eilge iomadach bliadhna: "Glenelg Primary School/Bun Sgoil Ghlinne Eilge". Bhithinn an dochas gu robh comas litreachaidh aig roinn an fhoghluim. Ach air an darna laimhe....... 86.159.173.13 23:22, 2 am Màrt 2008 (UTC)Innleadair 23:23, 2 am Màrt 2008 (UTC)
- Air a' cheist seo: tha mi a' dèanamh rannsachadh fhathast...--Sionnach 21:10, 4 am Màrt 2008 (UTC)
Start a discussion about Yerevan
Talk pages are where people discuss how to make content on Uicipeid the best that it can be. You can use this page to start a discussion with others about how to improve Yerevan.