Deasbaireachd:Siostam Eadar-nàiseanta nan Aonadan
A Shionnaich, a charaid, carson an do ghluais sibh seo do dh' aiste le tiotal as aonais na sràcan Frangais? Chionns gu bheil tiotal Frangais a th' ann nach bu chòir dha bhith mar a bhiodh san Fhrangais? Am Fiosaigear 00:54, 27 December 2007 (UTC)
- Fhiosaigeir, a charaid, is math gu bheil sibh an seo! Leis an fhirinn innse, ghluais mi an aiste don àite far an do thoisich e san chiad dol a-mach. Ach cha robh mi a' coimhead air na sràcan Frangais idir! Mòran taing. Beannachdan --Sionnach 07:49, 27 December 2007 (UTC)
- A Chairdean, Tha mi toilichte gu bheil an aiste fo'n tiotal ceart mu dheireadh thall, mòran taing agus beannachdan Innleadair 18:17, 27 December 2007 (UTC)
A Shionnaich, a charaid : An Deasaicheadh tusa an tiotal airithis? cha creids mi nach e Système International d'Unités a tha air (Cabaidil S,I,U ,ach d beag), agus chuir mi ceangail ris fo'n stoidhle sin anns an aiste air eòlas-nàdair 86.140.60.212 22:15, 27 December 2007 (UTC)
- Tha mi duilich, ach ma bhios tu a' coimhead air an aiste anns an Fhraingis fr:Système international d'unités, chì thu gu bheil an t-ainm Fraingis le Cabaidil S, ach i, u, 's d beag. Mar sin dheth, dh'fhag mi an aiste, far a bheil e a-nise. Ach cheartaich mi an ceangal anns an aiste eòlas-nàdair. --Sionnach 17:02, 28 December 2007 (UTC)
- Inntinneach. Tha thu ceart. Tha mi a'tuigsinn am puing a tha agad...Tha mi a' smaointinn a nis, is docha gu bheil e fasan na Beurla Shasunnach a chuir cabaideil ri gach mir de ainm iom-fhacalachd, ach tha fasan eile aig na Frangaich? Innleadair 02:20, 29 December 2007 (UTC)
- Cho fad's a tha fios agam tha am fasan Frangach eadar-dhealaichte bhon fhasan Bheurla. Mar sin dhèth is fheàrr leam an doigh sgrìobhte mar a tha e anns a' chànan tùsail. --Sionnach 18:09, 29 December 2007 (UTC)
- Inntinneach. Tha thu ceart. Tha mi a'tuigsinn am puing a tha agad...Tha mi a' smaointinn a nis, is docha gu bheil e fasan na Beurla Shasunnach a chuir cabaideil ri gach mir de ainm iom-fhacalachd, ach tha fasan eile aig na Frangaich? Innleadair 02:20, 29 December 2007 (UTC)
Ceart gu leor. Tha mi a'gabhail leat. Innleadair 19:40, 29 December 2007 (UTC)
A bheil an am air teachd a bhuaill ainm Gaidhlig air an aiste seo? Siostam Eadar-naiseanta nan Aonad neo fiu's Coras Eadar-naiseanta nan Aonad?
- Rinn mi e, tha mi an dòchas gu bheil ... nan Aonadan (iolra) ceart. --Sionnach 21:03, 24 dhen Iuchar 2010 (UTC)
Bhithinn a' dol le "nan Aonad" mo fhein: o chionns gu bheil sin an nos air Vicipedia na Gaeilge- aobhar a' chreidsinn gu bheil "nan Aonad" ceart anns a' Ghaidhlig cuideachd- mar is tric tha cruth singilte de ainmear co-ionnan ris an gineadach(?) iolra. Moran taing 'son an atharrachadh co-dhiu.
- Uill, cho fad 's a tha fios agam, chan eil Gaeilge is Gàidhlig daonnan co-ionnan anns an tuiseal ginideach. Anns a' Ghàidhlig tha dìreach na faclan leis an "i" aig deireadh an fhacail anns an iolra co-ionnan leis a' chruth shingilte (m.e. na balaich -> nam balach). Ach tha buidheann de fhaclan ann a tha a' gabhail an "-an" anns an ginideach agus cha eil iad ag atharrachadh anns an iolra ginideach (m.e.: na meadhanan -> saorsa nam meadhanan). Ach tha tiotal Gàidhlig nas fheàrr na tiotal Frangach co-dhiù.
Chan eil mi builleach cinnteach gu bheil mi a' leantainn d'argamaid..... Is ainmear iolra "na meadhanan". Na h-Eileanan .... Comhairle nan Eilean? (Mar a bha againn air nuair a bha "Western Isles" an t-ainm oifigiuil). Fasan 's docha- Cha bhithinn a' creidsinn a h-uile sian a leughainn 's na leabhraichean gramair. :) .
Smaoin ele: Is coinceap caran ur (do saoghal na Gaidhlig) a tha anns an fhacal "Aonad". Dhomhsa tha "siostam nan aonad" nas nadurra na "siostam nan aonadan".
Ach tha tiotal Gàidhlig nas fheàrr na tiotal Frangach co-dhiù. Tha thu ceart le sin. Gun teagamh sam bith. :)