Jump to content

Deasbaireachd:Sgìre Raoird

Page contents not supported in other languages.
O Uicipeid

Nach eil e "Raoghard" a tha an t-ainm air an àite seo? Thuirteadh e ann an aiste le Alasdair MacMhaoirn an-seo gu bheil "Sgìre Raoird" ceàrr. SaoiDunNeachdain (an deasbaireachd) 13:35, 12 dhen Ghearran 2021 (UTC)[reply]

Tha Ainmean-Àite na h-Alba ag ràdh “Sgìre Raoird”. Tha Iain Mac an Tàilleir ag ràdh “Sgìre Raoghaird or Sgìr’ Raoird - great enclosed field” - bho “ro-ghort” tha fhios. Saoilidh mi gu bheil e nas fheàrr fhàgail aig “Sgìre Raoird” an-dràsta seach gur e sin a tha aig AÀA, ach tha e math gu bheil ‘Raghard’ ann a-nis cuideachd. Cha d’fhuair mi lorg air dad sa phàipear ud aig Alasdair MacMhaoirn. Faighnichidh mi de Alasdair fhéin. --Caoimhin (an deasbaireachd) 13:50, 13 dhen Ghearran 2021 (UTC)[reply]
Fhuair mi freagairt bho Alasdair agus thuirt e, “'S e Sgìre Raoird a chuala mi à muinntir an àite fhèin agus à Laoraig. Chuala mi Raoghaird cuideachd ach le cuideigin ann an Taobh Mhealanis. Gu h-inntinneach chuala mi Sgìre Àrd ann an Goillspidh.” --Caoimhin (an deasbaireachd) 18:53, 13 dhen Ghearran 2021 (UTC)[reply]
Mòran taing, chan eil e soilleir anns an aiste gur e Sgìre Raoird no Raoghard a tha an t-ainm ceart. SaoiDunNeachdain (an deasbaireachd) 17:35, 15 dhen Ghearran 2021 (UTC)[reply]