Jump to content

Deasbaireachd:Seòlaid an Iar-thuath

Page contents not supported in other languages.
O Uicipeid

North west passage? --Creachadair 14:23, 14 am Màrt 2008 (UTC)

'S e th' ann am "passage" na mara, ach "strait" agus 's e th' ann an "strait" ach "caolas" sa Ghàidhlig. Chan e linne a chanas sinn ri "strait" mar Northwest Passage Chanada, ged 's e seorsa "strait" a th' anns an fhacal "linne". 'S e Firth a chanas na h-Albannaich ri "linne" sa Bheurla Ghallda. M.e. The Firth of Forth, The Firth of Tay. Chìthear nach eil annta an aon seorsa rud 's a tha anns na North Western Passages.

Chuirinn Caolas an Iar-Thuath air seo, mas e sin a th' ann.--Steaphan30 15:47, 14 am Màrt 2008 (UTC)

Cha chuirinn! anns a' Ghaidhealtachd tha na Gall a' cleachdadh da Fhacail "Firth" agus "Sound" far bheil na Gaidheal a'cleachdadh "Linne",

"The passage between Crowlin Islands and Scalpay is called An Linne Chròlaigeach" . Dwelly p.1011.

Tha da linne, a dh'fhosgaileas anns an t-samhradh eadar a' Chuan Siar agus a' Chuan Seimh: An Linne Iar-Thuath seachad air Chanada agus an Linne Ear-Thuath seachad air an Ruisse. Carson a tha feum againn a chuir an t-ainm Canada ris air barrachd Iar-Thuath? Tha e dhan iar-thuath agus ear-thuath an co-mheas leis a' Chuan siar. Innleadair 21:00, 14 am Màrt 2008 (UTC)

B'e mearachd litrichidh a bha ann gun do chuir mi linn seach linne, Ach chan e idir caolais a tha anns an slighe mara seo. Cait bheil i a' fas caol? Ciamar a b'urrainn do dhaoine a radh sin? A' Coimhead ri ceann deas na h-Aimeireaga tha Caolais fada gu leor a' lorg Magalhaens eadar Tir-mor agus Tierra del Fuego ach lorg Drake, 60? bliadhna as a deidh slighe eile seachad air Ceap Horn, canar "Drake Passage" ri sin agus chan eil e idir caol!

Chan eil brigh nam facal Gaidhlig co-ionnan ri brigh nam facal Beurla. Tha an cuid bu mhor de na linnean ainmichte anns a' Ghaidhealtachd fhein fosgailte aig gach ceann. Nas cudthromach na sin, tha uisge so-seolaichte aig gach ceann dhaibh agus troimhibh, agus is e slighe mara a tha an h-uile gin dhiubh. Sin ciamar a tha na linnean gu leir coltach ri cheile.

Chan eil "Linne" air an taobh sear as aonais uisge so-seolaichte aig gach ceann dhith. Tha an Abhainn Foirbhe so-seolaichte os cionn an linne. Tha a h-Aon riut fior mun Tatha agus an Linne Moireach.

Na dhi-cuimhneach, air taobh sear na h-Alba tha ainmean Gaidhlig air na priomh feartan tire a-mhain (chan eil sin ri saicheachadh gu bheil freumhan Gaidhlig an iomadh ainm "Beurla"). Anns a' Ghaidhealtachd, cha mhor nach eil ainm Gaidhlig air h-uile creag is lon, agus tha ceangail dluth agus pongail eadar ainmean agus feartan na tire. Innleadair 13:17, 15 am Màrt 2008 (UTC)

Bheir sùil air a' mhapa agus chìthear gu bheil slighe-mhara an iar-thuath a' ruith troimh àiteachan a tha gu math caol. Agus, fhuair mi lorg air a' mhapa Gàidhlig a th' agam de Bhreatainn. 'S e leth-bhreac a th' ann às Atlas Gàidhlig an t-Saoghail a th' agam an seo, agus cho fad 's is aithne dhomh, 's e aon Atlas Gàidhlig a tha ann an clò. 'S e An Caolas Sasannach a tha sgrìobhte ann an clò air a' mhapa seo. Gheibhear cuideachd Caolas Bhristol ge-tà.

Ann an leabhar eile a th' agam, Muir is Tìr le Seòras Chaluim Sheòrais, 's e Caolas a tha esan a' toirt air "sound, passage". Chan eil sgeul air "linne" anns an leabhar sin. Co-dhiù no co-dheth, tha mi smaointinn gum bheil àiteachan ann an slighe-mhara an iar-thuath, far an gabh Caolas a chur orra, agus àiteachan eile nach eil cho cumhang, far an gabh Linne a chur orra. Tha an t-slighe-mhara seo gu math fada, 's mar sin, tha tòrr feartan-tìre eug-samhail ann a-rèir far a bheil thu air an slighe fhèin.--Steaphan30 07:07, 16 am Màrt 2008 (UTC)

Start a discussion about Seòlaid an Iar-thuath

Start a discussion