Deasbaireachd:Reul
Tha e soillear bho na sgriobhaidhean de Alasdair MacGriogair (MA? Obar Dheathain, 1826)gum b' abhaist do reul a chiallaich "planaid" agus rionnag "star".
- Chan eil sin ceart idir. Se "planaid" a tha air "planet", agus a-reir a' mhorchuid, se "star" ann an reul is rionnag.--Creachadair 20:15, 22 November 2006 (UTC)
Leugh "An Gaidheal" 10 irisean 1872-73 agus chi thu na tha mi a' ciallachadh. De am faclair as sine a chomharrachas am facal "planaid" ? Bha sgoil-farraige a' crochadh an da chuid air rionnag agus reul chun fichead bliadhna mu dheireadh. Tha thu ag innse rium nach robh facal Gaidhlig sonraichte ri "planet" a roimhe sin????
Mar a' d thuirt caraid agam a tha na "deck-officer" nuair a thog mi iogantas gu robh seacstant aige bhon am a chaidh e a bhi na chadet aig Ben Line "Ciamar a tha thu a' smaointinn gun do lorg sinn ar rian thar cul an t-saoghail mun d'fhuair sinn navigation satellites os cionn deich bliadhna?"
- Cuir d'ainm air gach post/Please sign each of your contributions!
- Sa chiad àite, cha robh reul-eòlas sa 1870an cho math ris an latha seo. A bharrachd air sin, se "reul" air "star" - se reul-bhad air "constellation", rud nach eil ceangailte ris na planaidean idir. Se facal Laidinn a tha ann an "planaid"/"planet" co-dhiu. --Creachadair 18:15, 16 December 2006 (UTC) p.s. Navigation satellite - "Sadail-stiùridh"
Feumaidh mi aontachadh gu bheil an stoidhle "reul" air cuid nan rionnag: bu sonraichte dhaibhsan cleachta an sgoil na farraige. Tha fios a'am gu robh na seann Greugaich a' sonrachadh na reultan (planaidean) mar luchd-shuibhail (tro eagar nan rionnag) agus mar sin bha iad a'comharrachadh tim. Tha mi teagmhach nach robh rudeigin coltach ris an suil nan seann Ghaidheal:Rudeigin eu-chunbhalach mu reul 's docha?--Innleadair 23:54, 21 December 2006 (UTC)
"Sadail-stiùridh" is toigh leam sin.--Innleadair 23:54, 21 December 2006 (UTC)
Co-aonadh nan alt
Tha sgaradh eadar reul(t) agus rionnag nach eil ciallach idir. Mholainn-sa gach rud a ghluasad gu Reul agus ath-threòrachadh a chur an sàs o reult, reultag agus rionnag. Akerbeltz 19:03, 24 dhen Fhaoilleach 2012 (UTC)
- Thaicinn na h-ath-threòrachaidhean, agus chuirinn "Chithear rionnag an luib an solais a tha i fhèin a' sgaoileadh. Chan fhaicear reul ach an luib solais a tha i a' tilgeil air ais bho rionnagan." bhon aiste buileach, agus chuirinn "Gairmear rionnag no reultag air na reultan a tha a' coimhead gu math beag do shùilean daoine." no rudeigin mar sin an àite "Tha rionnag agus reul gu tur eadar-dhealaichte." --Thrissel 19:58, 26 dhen Fhaoilleach 2012 (UTC)
- Fuiricheamaid seachdain agus mura bi guth 'na aghaidh, cuiridh mi còmhla iad san aon artaigil agus nì mi gluasad eadar-uicipeideach on uici Bheurla 's cuiridh mi Gàidhlig air an intro. Tha an rud gu h-àrd cho toinnte. Akerbeltz 22:27, 26 dhen Fhaoilleach 2012 (UTC)
- Ceart gu leòr. --Thrissel 09:41, 27 dhen Fhaoilleach 2012 (UTC)
- Dèanta. Fàilte romhad a chur ris on eachdraidh/tionndadh Bheurla :) Akerbeltz 02:31, 4 dhen Ghearrain 2012 (UTC)