Jump to content

Deasbaireachd:Mosgo

Page contents not supported in other languages.
O Uicipeid

Tha Màiri Koroleva an seo aig SMO an-dràsta, bho Mhosgo fhéin, agus tha i ag radh rium gum biodh “Moscobha” nas fheàrr mar ainm Gàidhlig air an dùthaich Muscovy/Grand Duchy of Moscow/Московия, agus “Mosgo” a chleachdadh mar Ghàidhlig air a bhaile fhéin - gum biodh sin nas soilleire do dhaoine sa Ruis aig a’ bheil a’ Ghàidhlig, agus cuideachd do luchd na Beurla a tha eòlach air an ainm “Muscovy”. Bha Iain Mac an Tàilleir a’ canail an aon rud nuair a bhruidhinn mi ris beagan bhliadhna bhliadhnaichean air ais. Tha “Comann Gàidhlig Mhosgo” ann cuideachd. --Caoimhin (an deasbaireachd) 20:45, 19 dhen Iuchar 2015 (UTC)[reply]

Nochdaidh Moscow mar "Mosgo" cuideachd san Fhaclair Bheag agus air sgàth 's gu bheil “Comann Gàidhlig Mhosgo” a' cleachdadh an dearbh ainm tha mi a' dol leat gum bi an t-ainm "Mosgo" nas fheàrr airson na h-aiste seo. --Sionnach (an deasbaireachd) 06:19, 23 dhen Iuchar 2015 (UTC)[reply]