Jump to content

Deasbaireachd:Lurg Mhòr

Page contents not supported in other languages.
O Uicipeid

Tha mi mothachail gun cleachd na Gàidheil an t-alt ann an ainmean bheanntan. Am bu chòir dhomh An Lurg Mhòr, A' Bheinn Fhada amsaa. a chleachdadh an àite na chleachd mi gu ruige seo? --Each-uisge (an deasbaireachd) 14:49, 26 dhen Ghearrain 2015 (UTC)

Dh’ fhàgainn an t-alt às. Nam biodh “Red Hill” agus “Blue Hill” air dà chnoc, chanadh tu sa Bheurla, “We climbed the Red Hill and continued along the ridge to the Blue Hill”, ach fhathast chuireadh tu “Red Hill” agus “Blue Hill” air a’ mhap agus air aiste sa Wikipedia.
Tha mi a’ smaoineachadh, an t-ainm sin Lurg Mhòr, gum biodh e an toiseach air an nàdar de dhruim no slighe a tha a’ dol suas gu mullach na beinne, ach a-nis tha e air mullach na beinne fhéin.
Tha mi a’ smaoineachadh gur e “Frith” no “Oidhreachd” a bu chòir a bhith air Deer Forest sa Ghàidhlig, an àite “Coille”. “Oidhreachd Mhonar” is dòcha? Tha mi a’ smaoineachadh gu bheil oidhreachdan West Monar agus East Monar ann, ach chan eil mi cinnteach. Bha iad aonaichte nuair a bha mise ag obair ann, ach tha mi a’ smaoineachadh gun deach an sgaradh a-rithist.
--Caoimhin (an deasbaireachd) 01:34, 27 dhen Ghearrain 2015 (UTC)

Oighreachd

[deasaich an tùs]

Ged a dh'atharraich mi e, chan eil mi a-nis cinnteach mu "Oighreachd" Mhonar. Tha oighreachd ag innse dhuinn cò leis an talamh, ach chan e an aon rud a th' ann ri ainm an àite. Chan eil e soilleir dhomh cò leis a tha an talamh air a bheil Lurg Mhòr, ach dh'fhaodadh e bhith le Oighreachd Atadal no Ach na Seileach ged a tha e ann an "oighreachd Mhonar".--Each-uisge (an deasbaireachd) 09:54, 2 dhen Mhàrt 2015 (UTC)[reply]

Tha taobh tuath na beinne i “West Monar Forest”. Agus tha taobh a deas na beinne, agus an “lurg mhór” fhéin, in Attadale Forest. Seo mar a bha nuair a bha mi ag obair mar gillie aig Pait Lodge co-dhiù, i 1972, 1973, 1974. --Caoimhin (an deasbaireachd) 12:03, 2 dhen Mhàrt 2015 (UTC)[reply]