Deasbaireachd:Linn Giùdain
Coltas
Brath a fhuair mi bho Iain Mac an Tàilleir air 2015-02-24:
- “Tha mi cinnteach gur e 'Linne Giùdain' a tha buileach ceart, ach chlàraich Diack ainm 'Linn Giùdain' ann an S. Pheairt far a bheil e na chleachdadh cànanach a bhith a' fàgail na lide mu dheireadh dheth. Ged-thà, tha eisimpleirean eile de 'Linn' seach 'Linne', 's cha chreid mi gu bheuil e uabhasach cudromach.”
--Caoimhin (an deasbaireachd) 19:38, 24 dhen Ghearrain 2015 (UTC)
Anns an leabhar Early sources of Scottish history, A.D. 500 to 1286 (1922) le Alan Orr Anderson, aig bonn duilleig 127 tha:
- Cf. the Book of Lecan, fo. 43 bb : [...] (agus ise sin in sruith senoir congeb Cuilendros hi sraith Hirend hi Comgellgaib itir sliab n-Ochel acus muir n-Giudan, Reeves, Culdees, 124, note). Cf. B.B., 214.
Dh’fheuch mise agus dh’fheuch Liz Gabbay ris a’ phìos sin a thaobh muir n-Giudan a lorg sa làmh-sgrìobhainn fhéin de Leabhar Leacáin aig ISOS, ach dh’fhàillig oirnn. Thuirt Liz rium (ann an Gàidhlig na h-Éireann):
- “Theip orm. Feicim trí córas uimhreacha sa leabhar sin. Chaith mé mo shúil thar gach leathanach a bhfuil an uimhir '43' air (ag ISOS) agus ní fhaca mé an sliocht seo. Ní thuigimse an 'bb' ach an oiread.”
--Caoimhin (an deasbaireachd) 18:26, 1 dhen Mhàrt 2015 (UTC)