Jump to content

Deasbaireachd:Caol Àcainn

Page contents not supported in other languages.
O Uicipeid

Dhʼatharraich mi “Acain” gu “Àcainn” airson a bhith cunbhalach, ach tha mi aʼ faicinn nach eil aonta ann mu litreachadh an ainme. --Caoimhin (an deasbaireachd) 20:35, 17 dhen Iuchar 2016 (UTC)[reply]

Chuir mi ceithir tùsan ris an aiste a tha a sealltainn gur e Caol Acain an t-ainm as cumanta agus cuideachd a rèir Ainmean-Àite na h-Alba. Mar sin mholainn-sa an aiste a ghluasad chun an ainm seo.
A barrachd air sin, tha mi a' faicinn gu bheil bogsa fiosrachaidh neo-fhreagarrach ann, nam bheachd bu chòir teamplaid airson bhailtean a bhith ann; agus is dòcha aiste fa-leth mun chaolas. A bheil fios aig cuideigin dè an t-ainm Gàidhlig a tha air a' chaolas eadar Caol Acain agus Caol Loch Aillse?--Sionnach (an deasbaireachd) 21:36, 17 dhen Iuchar 2016 (UTC)[reply]

Shaoilinn gum bu chòir sràc a bhith air an ‘À’ co-dhiù, seach gu bheil ainm an rìgh air a litreachadh “Haakon” no “Hákon” no “Håkon”. Chan eil an Stòr-dàta Briathrachais a’ cur sràc air litir mmór sam bith, fiù’s ann an ainmean leithid “An t-Òban”. Aig an àm a chaidh a chruthachadh, aig deireadh nan 1980an, bha seòrsa beachd ann gun robh GOC air cur às do na sràcan gu léir air litrichean móra, a bharrachd air cur às do na sràcan geura, agus bha duilgheadasan teicnigeach a’ buntainn ri sràcan air coimpiutairean. Thàinig iad air ais gu luath nuair a thàinig na dearbhadairean litreachaidh a-steach. Tha am Faclair Beag a’ toirt /aːxgɪNʲ/ mar dòigh labhairt air an àite, seachas /axgɪNʲ/ mar a tha air an fhacal “acainn”. Agus is e /aːxgɪNʲ/, chanainn-se am fuaimneachadh a tha san fhaidhle fuaime aig Ainmean-Àite na h-Alba, a dh’ aindeoin ’s gur e “Acain” an litreachadh a th’ aca. Agus tha AÀA fhéin a’ cur an litreachadh “Àcainn” air ainm an rìgh.

Chan eil mi cho cinnteach mun “nn”, ged is e /Nʲ/ seachas /nʲ/, tha mi a’ smaoineachadh, a tha san fhaidhle-fuaime. Duilgheadas gu sìoraidh a tha sa cheist “nn” vs. “n” aig deireadh facail ann an Gàidhlig na h-Albann. Tha cuid de dhaoine a’ cur “nn” ’nam ainm fhéin. --Caoimhin (an deasbaireachd) 20:05, 18 dhen Iuchar 2016 (UTC)[reply]