Jump to content

Deasbaireachd:An Sgarp

Page contents not supported in other languages.
O Uicipeid

Litreachadh an ainm

[deasaich an tùs]

Beachdan a fhuair mi bho Iain Mac an Tàilleir:

Mholainn "An Sgarp" mar an litreachadh Gàidhlig air Scarp, air sàillibh molaidhean GOC a thaobh "sg", ach nas cudromaiche air sàillibh 's nach eil ach aon lide san fhacal. Bhiodh "rb" a-muigh 's a-mach ceàrr oir chan e /skarap/ a chanas daoine ach /skarp/.

agus bho Mhìcheal Bauer:

sg- agus -rp air dà adhbhar:
  • Chaidh cur às dha sc- ('s cha robh e riamh chomh pailt 's a bha sd/sb) le GOC agus cha toil leam eisgeachdan iochd ar n-achd
  • Cha chuala mi a-riamh fuaimreag-chòmhaidh ann agus gheibheadh tu sin mas e -arb /arab/ a sgrìobhadh tu ('s e /sgɑrp/ a th' aig Oftedal cuideachd)

--Caoimhin (an deasbaireachd) 20:02, 7 dhen Dùbhlachd 2021 (UTC)[reply]