Deasbaireachd:An Iapan
Coltas
Iapan seach Siapan
[deasaich an tùs]Tha bacadh air gluasad na duilleige Siapan gu Iapan. 'S e Iapan a thathas a' cleachdadh gu h-oifigeil a-nis airson Japan, ged 's e An t-Seapan ainm eile a th' againn. 'S fheàrr leam fhìn An t-Seapan, ach a dh' aindeoin sin, tha mi a' cleachdadh Iapan ann an Wikipedia air sgàth socradh rannsachaidh.Steaphan30
- Rinn mi beagan rannsachaidh mun ainm Siapan, Iapan neo An t-Seapan. Chan fhaca mi an t-ainm Siapan neo Iapan ann an àiteigin sam bith (Dwelly, neo stòr-dàta SMO neo Faclair na Pàrlamaid amsaa..), ach chunnaic mi An t-Seapan anns an Colin Mark: Am Faclair Gàidhlig-Beurla (2004). Mar sin s' fheàrr leam-sa an t-aimn An t-Seapan. Ach thuirt sibh, gur e Iapan a thathas a' cleachdadh gu h-oifigeil a-nis. Cò agus càite? An e ainm oifigeil a tha ann an Iapan? 'S e sin an ceist.--Sionnach 20:59, 28 An Lùnastal 2007 (UTC)
- Seadh, sin an ceist gu dearbha. Thathas ga cleachdadh le BBC Alba, agus ma bhios i ga cleachdadh leothasan, tha sin a' dèanamh gu bheileas ga cleachdadh anns na sgoiltean Ghàidhlig, mar is fhiù is mar is fhiosrach mi co-dhiù. Tha leabhar ann a gheibhear à Comhairle nan Leabhraichean, air a bheil Ionnsaich mu Iapain. Chan fhoillsich iadsan ach leabhraichean air an litreachadh a-rèir riaghailtean GhOC (Gaelic Orthographic Conventions). Tha an leabhran GOC agam an seo, agus air duilleag 13, tha e a-mach air Sound adaptation and loan words. Initial J may be represented by i: Iapan (Japan). A dh' aindeoin sin, 's gann gu faighear sinn lorg air Iapan air an eadar-lìon.
- Nan toirinn-sa seachad tuaiream mun t-suideachaidh sin, chanainn-sa gur e a th' anns an fhacail "Iapan" ach Gàidhlig an taobh tuath, seach Gàidhlig taobh deas na Gàidhealtachd. Thathas a' cleachdadh antSeapáin ann an Èirinn agus tha Gàidhlig na h-Èireann 's Gàidhlig Earra-Ghàidheil nas daimheala dhan a chèile. 'S mòr am beud nach do thagh iad An t-Seapan! Tha e fada nas "Ghàidhealaiche" ri mo chluasan fhèin. B' e An t-Seapan a bh' air an dùthaich mus tàinig riaghailtean ùra GhOC a-mach. Steaphan30
- Glè mhath, tha sin gu math soilleir. Tha sin uabhasach innteanach!
- Cò-dhiù, rinn mi e. Ghluais mi an aiste bho Siapan gu Iapan agus chuir mi ath-stiùiridh air Siapan. Tha mi an dòchas gum bi sin iomchaidh dhuibh. Agus chuir mi bocsa fiosrachaidh ann cuideachd. Ach tha an teacsa tursail ann fhathast.
- Agus tha smuain eile agam: Bu toil leam leth-bhreac den deasbad an-seo a chur air an duilleag Iapan#deasbaireachd. Chunnaic mi gun do ghluais Iapan bho Japan gu Iapan gu Siapan agus an-nise air ais gu Iapan. Mar sin dheth bu toil leam an t-adhbhar a chur ris an aiste. Dè ur beachd?--Sionnach 21:53, 29 An Lùnastal 2007 (UTC)
- Gun teagamh, chan eil dragh sam bith agam a thaobh a bhith a' dèanamh sin. Cha bu mhath leam cuideigin eile a' tighinn a-steach agus na mearachdan a chur air ais air a-rithist! Steaphan30
Leth-bhreac bhon duilleag deasbaireachd aig Sionnach
- Sa chiad dol a-mach, tha mi duilich a chionn 's gun do ghluais mi Iapanais gu Seapanais gun deasbad, leugh mi rudeigin gu cearr agus bha e anmoch air an oidhche... gluaisidh mi air ais e (nuair a gheibh mi mach mar a nì mi sin thairis air redirect) ach mus gluais, bu toigh leam an cuspair seo a thogail as ùr.
- Tha mi dol leis na h-argamaidean uile gu h-àrd a thaobh Siapan - droch chruth air an fhacal sin. Ach tha car eile sa chùis a-nist: chunna mi gu bheil Microsoft agus bathar-bog eile a' cleachdadh (an t-)Seapan seach Iapan. Tha fhios a'm gu bheil BBC Alba a' cleachdadh Iapan mar is trice ach tha iad-san gu math tro chèile a thaobh ainmean mar sin. 'S e an duilgheadas, 'nam bheachd-sa, le Iapan gum bi an dàrna lide fada aig mòran dhaoine, mar gum b' e *Iapàn a bhiodh ann, agus chan eil /jaʰban/ furasta ri ràdh no faisg air Japan idir. Chanainn-sa gum b' fheairrde dhuinn tionndadh gu Seapan ach dè beachd a th' agaibhse? Akerbeltz 13:54, 14 dhen Ghearrain 2011 (UTC)
- Mar a thuirt mi roimhe, 's e fheàrr leam fhìn "(an t-)Seapan" a-rèir Colin Mark agus ma bhios an litreachadh seo a' fàs nas cumanta a-nis, bu chòir dhuinn an aiste a ghluasad agus an dà dòigh sgrìobhaidh a' cur ris, agus na tùsan cuideachd (mar a rinn mi e anns an Danmhairg). --Sionnach 21:53, 14 dhen Ghearrain 2011 (UTC)
Ok, gluaisidh mi e, cha do nochd beachd 'na aghaidh thairis air a' chola deug seo chaidh. Akerbeltz 11:10, 28 dhen Ghearrain 2011 (UTC)