Jump to content

Deasbaireachd:Ainmean Gàidhealach

Page contents not supported in other languages.
O Uicipeid

Cha do thòìsich mi an duilleag seo, ach lorg mi liosta fhad 's a bha mi ag obair leis an fhaclair le MacLeod & Dewar. Cumaidh mi a' dol ach tha ceist no dhà agam mun dòigh as fhearr 'son seo a dhèanamh, mar sin, bhithinn taingeil airson beachdan chleachdaichean eile:

1. Ainm. Tha seo soilleir gu leòr. Fhad's a chuireas mi iomraidhean ann, feuchaidh mi an cruth as cumanta a chur sa cholbh seo. Cuiridh mi litreachadh/cruth eile fo 'Eug-samhail'. Cuiridh mi iomraidhean airson 'Ainm' fo cholbh 'Iomhraidhean'.
2.Ciall. Chan eil mi a' tuigsinn dè bha an cleachdaiche a rinn seo an dùil a chur ann. Tha an ath cholbh 'Bunachas' ann 'son fiosrachadh mu tùs an ainm a chur ann. Saoil an e 'cruth sa Bheurla' a bha fainear dha/dhi? An saoil sibh gum biodh e feumail/math colbh le cruth sa Bheurla/cànain eile a bhith ann?
Nan robh ùidh againn cruthan bho Bheurla, Gaelige, Cuimris, Frangais, Laideann msaa a chur ann, 's dòcha gum biodh e na b'fhearr duilleag (is ceangal) a chruthachadh do gach ainm far an cuireadh am fiosrachadh sin?
3.Bunachas. Soilleir gu leòr. Bu chòir iomraidhean a bhith ann ged-tà.
4. Eug-samhailean. cruthan/litreachadh eile. Chuir mi iomradh nan cruthan seo anns a' cholbh seo fhèin, seach an colbh 'Iomraidhean' gus am bi e soilleir cò an dreach a gheibhear san iomradh sin. A bheil siud ciallach?
5. Daoine ainmeil. Soilleir gu leòr.
6. Iomraidhean. As dèidh na thuirt mi roimhe: saoil am biodh e na b'fhearr na h-iomhraidhean a chumail dìreach as dèidh am pìos fiosrachaidh fhèin an àite ann an colbh leotha fhèin? Ach gan cur fo 'Ainm', 'Bunachas' 'Eug-samhail' mar a tha iomachaidh?193.130.15.245 16:17, 6 dhen Lùnastal 2013 (UTC)[reply]

Grrr. Nach mi tha gòrach: cha do mhothaich mi nach do log mi a-steach. Co-dhiù, b' e mise a bh' ann shuas.Thisissusanbell (talk) 16:24, 6 dhen Lùnastal 2013 (UTC)[reply]


2.Ciall. Is dòcha gu bheil sin a-mach air "ciall na h-ainm": m.e.: Eachann: Means "brown horse" from Gaelic each "horse" and donn "brown". [1]. Cho fad 's a tha fios agam, tha ciall aig na fìor ainmean Gàidhealach. Chanain-sa gum biodh e na b' fheàrr cruth sa Beurla no cànain eile a chur ann an aistean fa leth.
6Iomraidhean. Tha mi a' dol leat, bhiodh e na b' fheàrr na h-iomraidhean a chumail dìreach as dèidh a' phìos fiosrachaidh fhèin, tha sin nas soilleire. --Sionnach (talk) 04:54, 7 dhen Lùnastal 2013 (UTC)[reply]
2. Ciall vs Bunachas 'S e deagh eisimpleir a th' agad an sin. Ach nach b'urrainnear a chur fo 'Bunachas' cuideachd? Bheil feum ann 'son na dhà?Thisissusanbell (talk) 09:08, 7 dhen Lùnastal 2013 (UTC)[reply]
Deagh phuing. Chruthaich mi dà dhuilleig ùr, Alasdair agus Eachann agus tha e a' fàs soilleir nach eil feum airson na dhà (Ciall + Bunachas). Agus ma bhios mi a' coimhead air Alasdair, saoilidh mi gum bhiodh e na b' fhèarr an colbh leis na daoine ainmeil a' sguabadh às cuideachd agus gan cur anns na h-aistean fa leth.--Sionnach (talk) 21:26, 7 dhen Lùnastal 2013 (UTC)[reply]
PS: A bheil fios agad ciamar a chanas mi "XXX is often Anglicised as YY" sa Ghàidhlig? --Sionnach (talk) 21:33, 7 dhen Lùnastal 2013 (UTC)[reply]
Ok ma-tha, sguabaidh mi às 'Ciall'. Fàgaidh mi 'Daoine Ainmeil' gus an cruthaich sinn na duilleagan freagarrach - gus an gluais sinn am fiosrachadh dha na h-aistean fa leth (chì mi gun do thòisich thu air an deagh obair sin mar thà!). A thaobh '"XXX is often Anglicised as YY", chanainn-sa rudan mar: 'gheibhear an t-ainm seo (XX) sa Bheurla mar YY', no 'thèid (/chaidh) YY a chleachdadh sa Bheurla airson XX', air neo, 'chuireadh cruth Bheurla (cruth Gàidhlig) air mar YY'? Tha na rudan a sgrìobh thu mar thà soilleir agus ciallach, chanainn.
Faodaidh sinn 'giorrachadh' a chur ann fo 'Bhunachas' le ceangal ris a' phàirt den aiste iomchaidh aon uair 's gu bheil e againn le barrachd mhìneachaidh Thisissusanbell (talk) 10:36, 12 dhen Lùnastal 2013 (UTC)[reply]
Giorrachadh: deagh bheachd, ach chan eil mi a' tuigsinn buileach càite an cuir sinn iad. Tha eisimpleir agam a-nis: Aonghas agus an t-ainm goirid Angaidh.
Tha mi toilichte cluinntinn gu bheil na pìosan beaga a sgrìobh mi soilleir gu leòr. Ach ma bhios tu a' faicinn mhearachdan, no rudeigin nach eil ciallach, bhithinn taingeil airson cheartachaidhean:-).
Taing mhòr airson nan tùsan eile a chuir thu ris an liosta, saoilidh mi gu bheil iad gu math feumail gus aistean ùra a sgrìobhadh. Tha e inntinneach na cruthan eadar-dhealaichte fhaicinn tron na linntean.--Sionnach (talk) 06:49, 13 dhen Lùnastal 2013 (UTC)[reply]
Gabh mo leisgeul, cha robh mi idir soilleir na bha mi ag ràdh mu 'giorrachadh'. Sin a bha mi a' smaointinn: tha 'Eachann': Bunachas 'Each Donn' soilleir. Ach, chan eil 'Aonghas' cho cinnteach (a' leughadh na h-aiste a rinn thu) Dh'fhaodamaid rudeigin goirid a chur ann an seo ged-tà: 'Aonghas': Bunachas 'óen gus'(?). No 'Amhlaidh' - 'Áleifr' 'S urrainn dhomh nota a chur aig toiseach na duilleige seo ag ràdh gum faighear barrachd mhìneachaidh mun bhunachas msaa leis a bhith leantainn a' cheangail airson gach ainm fa leth? thisissusanbell