Jump to content

Deasbaireachd:A' Chàisg

Page contents not supported in other languages.
O Uicipeid

A bheil fios aig duine sam bith mu na cleachdaidhean tradàiseanta aig àm na Càisge ann an Alba/ann an Saoghal nan Gaidheil? --Sionnach 22:12, 25 am Màrt 2009 (UTC)

Nì mi beagan rannsachadh orra, ach ma dh' fhaoidte gum bi mi greiseag ga rannsachadh!--Steaphan30 02:52, 26 am Màrt 2009 (UTC)
Ach, mus tig mi air ais thugad, seo dhuit beagan fhiosrachaidh air cleachdaidhean Gàidheal gus bho chionn ghoirid.

Bhiodh adan spaideal air feadhainn rè na Càisge, agus tha adan spaideal orra fhathast! Canar Latha na Càisge ri Easter Day. Canar Didòmhnaich na Càisge ri Easter Sunday. Cuideachd, Latha bàs nan uighean. Agus air Didòmhnaich na Càisge, bhiodh uighean aig a h-uile tràth bìdh aig feadhainn. Bha trì sneachdan ri thighinn san Earrach - sneachda na Càisge, sneachda na cuthaig is sneachda nan eòin òga.

Chan e fèill Ghàidhealach a-mhàin a th' anns a' Chàisg, 's e fèill Chrìostaidh a th' ann, agus do bhrìgh sin, tha mi smaointinn gum biodh i air a cumail a-rèir gnàth-chleachdaidhean nan eaglaisean fa-leth. A-rèir co-dhiù 's e an Eaglais Chlèireach, no an Eaglais Shaor is mar sin air aghaidh a bhiodh ann.--Steaphan30 03:09, 26 am Màrt 2009 (UTC)

Co-dhiù, ar leam gur e an duilleag seo ni a b' fheumaile dhuit an-dràsta.--Steaphan30 03:27, 26 am Màrt 2009 (UTC)


Date: Thu, 13 Mar 1997 18:01:57 -0800 (PST)

From: Ken Nilsen

Dh'fhaodte gum bi uidh ag feadhainn anns an t-seanchas seo a fhuair mi bho Dhomhnall Camaron, nach maireann, mu dheidhinn ciamar a bha an Carghas ann a' Siorramachd Antigonish, Tir Mor, Albainn Ur, 'na òige (ca. 1905). An Carghas Well, a' rud a dh'ìnnsinn mu dhèidhinn a' Charghas, tha cuimhn' agam dar a bha mi 'nam ghille òg, dar a thigeadh Di-ciadain na Luaith, chan fhaodadh, chan fhaodadh tu danns a bhi agad, chan fhaodadh tu na cairtean a chluich, bheireadh iad leò na cairtean, chuireadh iad sreang man cuairt orra 's chuireadh iad, thilgeadh iad ann am bogsa an àit air choreigin iad, chan fhaiceadh tu sin gus as dèidh a' Chàisg. Thigeadh di-ciadain agus chan fhaodadh tu feòil ith' idir air di-ciadain, chan fhaodadh tu feòil ith'. Di-haoine chan fhaodadh tu feòil ith'.

Well, mhaireadh sin air n-adhart cho fada is a bhiodh an Carghas ann, bhiodh di-ciadain agus di-haoine cha b'urrainn dhut feòil ith'. Chan fhaodadh tu danns, chan fhaodadh tu step a dheanamh is bha a' Chonair Mhoire ri ghabhail a h-uile h-oidhch'.

Agus bha poile dhiubh nach biodh a' smocadh, dh'fhàgadh iad a' phìob. Peanas a bha sin, fhios agad.

A'sin dar a thigeadh Di-haoine na Ceusd', chan fhaodadh tu sian a ith', dh'fheumadh tu gun bhi a' gabhail ach tea dhubh agus pìos de dh'aran agus "Ith sin no fàg e." Ach co dhiubh bha sin dol air n-adhart co dhiubh, sin an dòigh a bha Carghas gus an tigeadh Di-dòmhnaich, bha iad sin, dh'itheadh iad rud sa' bith.

Ach chan eil siod a' dol idir, chan eil e dol ann an diugh idir. Sguir iad dheth sin uile gu lèir. Chan eil a leithid de rud, chan eil Carghas ann tuillidh. Chan eil sian a' dol ann mar b'à'ist dha bhith. Dè's urrainn dhut a dheanamh? Chan eil fhios agam co tha ceart no ceàrr.

(Nochd suidheachadh dhen t-seanchas seo anns an "Antigonish Casket" ann am Mart, 1993)--Steaphan30 03:19, 26 am Màrt 2009 (UTC)


Mòran, mòran taing, tha sin glè fheumail dhomh. Mar a thuirt thu, chan e fèill Ghàidhealach a-mhàin a th' anns a' Chàisg, 's e fèill Chrìostaidh a th' ann. Ach ged a tha mòran cleachdaidhean tradaiseanta anns a' Ghearmailt agus anns an Roinn Eòrpa, cha do lorg mi dad sam bith mun na doighean tradaiseanta ann an Alba. Agus 's e sin a' cheist a bha a' nochdadh, a bheil iad eadar-dhealaichte neo co-ionnain.
Uill, sgrìobhaidh mi tuilleadh, ma bhios mi air ais. --Sionnach 06:39, 26 am Màrt 2009 (UTC)

Start a discussion about A' Chàisg

Start a discussion