Deòrsa Mac Iain Dheòrsa
Deòrsa Mac Iain Dheòrsa | |
---|---|
Beatha | |
Breith | Achadh na Feàrna, 1915 |
Dùthaich | Alba |
Bàs | 1984 |
Foghlam | |
Foghlam |
Fettes College (en) Oilthigh Oxford |
Cànain |
Gàidhlig Beurla A' Bheurla Ghallta Eadailtis Nirribhis Fraingis |
Dreuchd | |
Dreuchd | cànanaiche, eadar-theangair, bàrd agus sgrìobhadair |
Gluasad | Ath-bheòthachadh na h-Alba |
Gnè ealain | bàrdachd |
B'e bàrd agus eadar-theangadair a bh' ann an Deòrsa Mac Iain Dheòrsa (Ach na Feàrna, 1915 - 1984).[1] B' e George Campbell Hay ainm sa Bheurla ach chleachd e an t-ainm-sloinnidh Deòrsa Mac Iain Dheòrsa sa Ghàidhlig. Sgrìobh e ann an Gàidhlig, Beurla Ghallda agus Beurla. Sgrìobh e bàrdachd cuideachd ann am Fraingis, Eadailtis agus Nirribhis, agus dh'eadar-theangaich e bàrdachd bho iomadh chànan dhan Ghàidhlig.[2] Bha e na nàiseantach Albannach. 'S mathaid gur e 'Bizerta' an dàn as ainmeile le Mac Iain Dheòrsa.
Sgeul-beatha
[deasaich | deasaich an tùs]Rugadh Deòrsa Mac Iain Deòrsa ann an Ach-na-Feàrna ann an Siorrachd Rinn Friù ach thogadh e ann an Tairbeart, Loch Fìne.[3] Bha athair, an t-Urr. Iain MacDhùghaill Hay, na sgrìobhaiche cuideachd - sgrìobh e, mar eisimpleir, an nobhail ainmeil Gillespie. Fhuair Mac Iain Dheòrsa ceum bho Oilthigh Oxford.
Ann an 2015, 100 bliadhna on a rugadh Mac Iain Dheòrsa, chuireadh sreath de thachartasan air dòigh ann an Tairbeart gus cuimhneachadh air.[4] Chraol BBC Alba dràma ma dhèidhinn, Seeker Reaper, le Peter Mullan mar Mhac Iain Dheòrsa.[5]
An Dàrna Cogadh
[deasaich | deasaich an tùs]Aig àm an dàrna cogaidh, dh'fheuch Mac Iain Dheòrsa an dleastanas-airm a sheachnadh, ach mu dheireadh thall, chaidh e dhan airm. Bha e stèidhichte ann an Algeria agus anns a' Ghrèig.[3]
Sgrìobhadh
[deasaich | deasaich an tùs]Eadar-theangachadh
[deasaich | deasaich an tùs]Dh'eadar-theangaich Mac Iain Dheòrsa iomadh bàrd Èorpach gu Gàidhlig, mar eisimpleir am bàrd Eadailteach an 14mh linn, Francesco Petrarch.
Clàr-leabhraichean
[deasaich | deasaich an tùs]- Fuaran Sléibh. Glaschu: William Maclellan, 1947.
- Mochtàr is Dùghall Glaschu: Oilthigh Ghlaschu, Roinn na Ceiltis, 1982.
- MacAmhlaigh, Dòmhnall (deas.). Nua-Bhàrdachd Ghàidhlig / Modern Scottish Gaelic Poems: A Bilingual Anthology. Dùn Èideann: Southside, 1976.
- Byrne, Michel (deas.). Collected Poems and Songs of George Campbell Hay (Deòrsa Mac Iain Dheòrsa). Dùn Èideann: Edinburgh University Press, 2000.
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ “George Campbell Hay (1915 - 1984)”. Scottish Poetry Library. Air a thogail 5mh dhen Mhàrt 2018.
- ↑ Campbell, James: “Review: Collected Poems and Songs of George Campbell Hay”, The Guardian. 1d dhen Mhàrt 2013. Air a thogail 5mh dhen Mhàrt 2018.
- ↑ 3.0 3.1 “Writers/Poets index”. Pròiseact nan Ealain. Air a thasglannadh [o http://www.leabharmor.net/index.php/leabharmor/index_writers01/] 2na dhen Dàmhair 2014. Air a thogail 5mh dhen Mhàrt 2018.
- ↑ “Home”. George Campbell Hay Centenary Celebration. Air a thogail 5mh dhen Mhàrt 2018.
- ↑ “BBC ALBA - Seeker Reaper”. BBC. Air a thogail 5mh dhen Mhàrt 2018.