Dòmhnall MacLeòid (saic-eòlaiche)
Coltas
Dòmhnall MacLeòid (saic-eòlaiche) | |
---|---|
Beatha | |
Breith | Glaschu, 22 dhen Lùnastal 1948 |
Dùthaich | Alba |
Bàs | Faversham (en) , 18 dhen Ghearran 2021 |
Dreuchd | |
Dreuchd | saidhg-eòlaiche, neach-naidheachd agus craoladair |
Bha Dòmhnall Iain MacLeòid (1948 - 2021) ’na shaic-eòlaiche. Thogadh e ann an Leòdhas, ann am Beàrnaraigh Mòr agus an uair sin ann an Liùrbost, gus an do ghluais an teaghlach gu baile mòr Ghlaschu. Bha eòlas sònraichte aige air inntinn an eucoraich. Bha e cuideachd ainmeil mar chraoladair. Bhiodh e air telebhisean is radio ann an Sasainn, ach gu h-àraid air Aithris na Maidne agus Prògram Choinnich air BBC Radio nan Gàidheal, a' bruidhinn gu sònraichte air cuspairean saic-eòlais. Rinn Dòmhnall MacLeòid cuideachd sreath phrògraman radio gu math soirbheachail air làithean òige ann am Beàrnaraigh, air an robh Eadar Dà Shaoghal. Chuir Acair an eachdraidh sin ann an clò mar leabhar às dèidh sin.