Dòmhnall Caimbeul (Dòmhnall Phàil)
Dòmhnall Caimbeul (Dòmhnall Phàil) | |
---|---|
Beatha | |
Breith | Dail na Spideil, 1798 |
Dùthaich | Alba |
Bàs | Gleann Gòineig, 1 dhen Fhaoilleach 1875 |
Àite-adhlacaidh | Ceann a' Ghiùthsaich |
Foghlam | |
Cànain | Gàidhlig |
Dreuchd | |
Dreuchd | cìobair agus bàrd |
’S e bàrd agus cìobair a bha ann an Dòmhnall Caimbeul no Dòmhnall Phàil no Bàrd Chinn a' Ghiùthsaich (1798 - 1 am Faoilleach 1875). Rinn e an t-òran ainmeil Guma Slàn do na Fearaibh.
Rugadh Dòmhnall Phàil ann an Dail na Spideil, beagan deas air Druim Uachdair, mu fhichead mìle an iar-thuath air Baile Chloichrigh. Thàinig e a dh'obair mar bhuachaille a Bhàideanach mun bhliadhna 1822 agus bha a dhachaigh ann an Gleann Gòineig, faisg air Cinn a’ Ghiùthsaich.
Ann an 1838 bha e an dùil a dhol null thairis còmhla ri buidheann a bha a' fàgail an dachaighean – a' mhòrchuid dhiubh bho oighreachd Inbhir Fhèisidh – airson beatha ùr a shireadh an Astràilia. B’ e seo màthair-adhbhair an òrain ainmeil aige Guma Slàn do na Fearaibh, ach aig a' cheann thall cha do dh'fhalbh Dòmhnall Phàil fhéin. Chruinnich an fheadhainn a bha a' falbh ann an Ceann a' Ghiùthsaich air Latha Fèill Chaluim Chille, 9 an t-Òg-mhios, 1838. B’ fheudar dhaibh coiseachd dhan Ghearastan agus às a sin dhan Òban mus deach iad a Ghlaschu airson na h-imrich air an St George, a sheòl air 4 an t-Iuchar le còrr air 300 eilthireach air bòrd.
Rinn Dòmhnall Phàil cuideachd an t-òran gaoil Duanag a’ Chìobair a th’ air a sheinn fhathast. Tha còig de na h-òrain aige ann an leabhar a sgrìobh Tòmas Sinton Poetry of Badenoch (1906), ach tha mòran nach deach a ghléidheadh leis nach deach an sgrìobhadh sìos.
Chuir am bàrd seachad an dà fhichead bliadhna mu dheireadh d’a bheatha ann an Gleann Gòineig, faisg air Ceann a' Ghiuthsaich, agus dh'eug e an sin ann an 1875. Tha e air a thìodhlacadh ann an Cladh Meadhain a’ Bhaile an teis mheadhain Chinn a' Ghiùthsaich. Ann an 2016 rinn buidheann ealain Chinn a’ Ghiuthasaich sgeadachadh às ùr air a chloich-chinn.
Bha mac Dhòmhnaill Phàil (Dòmhnall a bh’ air fhèin) ainmeil mar bhàrd cuideachd, agus ann an saoghal na camanachd an lùib sgioba Chinn a’ Ghiùthsaich, agus mar fhear-gnothaich sa bhaile.